Sabhal Mòr Ostaig - Colaiste Ghàidhlig na h-Alba
Turas - Cuairt-Litir an t-Sabhail

AN t-IUCHAR 199

INSIDE THIS ISSUE:
Welcome from the Director

Òraid an t-Sabhail bhon t-Seansalair Gordon Brown

Fèis Dhannsa Sabhal Mòr Ostaig

Official Opening of Àrainn Chaluim Chille

Pàrlamaid nan Oileanach agus Seachdain Àrainn Chaluim Chille
Lòchran an Dòmhnallaich - Beacon of the McDonald
New Developments in 2000/2001
STOP PRESS: Sabhal Mòr Ostaig Future Plans

Fàilte

Tha e na thoileachas dhomhsa fàilte a chur oirbh.

Chì sibh bhon chuairt-litir seo gu bheil tòrr air tachairt bhon tè mu dheireadh.

Tha sinn da-rìreabh moiteil às na tha air tachairt. Tha sinn cuideachd mothachail nach b' urrainn dhuinn tòrr de na tha sinn air a dhèanamh a thoirt gu buil às ur n-aonais. Dhuibhse uile a chuir taic ri ar n-oidhirpean, MORAN TAING. 'S chan eil againn an seo ach a' chiad cheum. Tha sinn anns an dà bhliadhna a dh' fhalbh air adhartas dì-chreidmheach a dhèanamh. Tha ìre agus deagh ghnè an fhoghlaim a tha sinn a' tabhann dearbhte le aithisg an Luchd-sgrùdaidh. Tha Àrainn Chaluim Chille againn 's e a' sealltainn dhan mhòr-shluagh ionad far a bheil deagh fhoghlam, teicneòlas adhartach agus ailtearachd mhisneachail a' tighinn còmhla airson ionad ùr eadar-nàiseanta a chruthachadh a bheir air adhart còirichean ar cànain 's ar cultair ann an iomadach dòigh. Feumaidh sinn a-nis a bhith deiseil airson an ath cheum a ghabhail 's sinn an impis Oilthigh ùr fhaighinn airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Ceum a bheir dhuinn cùrsaichean ùra, àiteachean airson ghnìomhachasan co-fhreagarrach, ionadan spòrs, àitichean còmhnaidh agus taigheadas. Tha mi an dòchas gun tig sibh còmhla rinn air an t-slighe agus gun còrd an turas ribh.

Mòran taing airson bhur taic 's cuideachadh.

TORMOD N. MACGILLIOSA
Stiùiriche na Colaiste

Welcome

Norman N. Gillies

You will note that much has happened since the last one. We are proud of the progress that we have made. We are also very aware of the fact that without your support we could not have hoped to achieve as much. To all who supported our efforts, MORAN TAING. In the last two years we have made remarkable progress. The high quality of the teaching and learning experience within Sabhal Mor has been confirmed by a report by HM Inspector of Schools. Our new campus, Arainn Chaluim Chille, epitomises to many a centre where academic excellence, advanced technology and inspirational architecture have been welded together to create an international centre which will bring immeasurable benefit to the status of our language and culture in a variety of ways. We now have to be ready to take the next step as we await the formal granting of a new university for the Highlands and Islands. A step which will secure for us new additions to an innovative curriculum, compatible campus business, sports facilities, student accommodation and housing. I sincerely hope that you will join us for the next step of the journey.

Thank you for all your help and support.

NORMAN N. GILLIES
College Directo

Calum Hutchison a dhealbhaich agus a chruthaich na duilleagan Eadar-lìn seo.