Tha e na thoileachas dhomhsa fàilte a chur oirbh chun na cuairt-litir
seo. Mar as àbhaist tha tòrr air tachairt bhon tè mu dheireadh agus
tha mi an dòchas gu faigh sibh blas de na tha a' dol againn anns na
duilleagan a leanas.
Tha sinn a' dèanamh adhartas math le grunnan phròiseactean agus ag
obair gu trang airson Sabhal Mòr a thoirt ceum eile air an t-slighe
gus sàr ionad, a bhios aig cridhe leasachaidhean ann an cànan agus dualchas
nan Gaidheal, a chruthachadh. Gheibh sibh anns a' chuairt-litir seo
fiosrachadh mu dhèidhinn Ionad Chaluim Chille Ile, Tobar an Dualchais,
Iomairt Chaluim Chille, pròiseact Oilthigh na Gaidhealtachd, an Cùrsa
Inntrigidh agus iomadach rud eile. Gheibh sibh fiosrachadh cuideachd
air ball de Chaidre amh Sabhail, Susan Peat as Astràlia, agus leis
an smuain gur ann nas doirbhe a tha e an t-ionad mìorbhaileach seo a
chumail a' dol mar as motha a tha sinn a' fàs, chì sibh cho chudromach
is a tha e dhuinn gu bheil buill a' Chaidreih againn airson taic a
chur ri ar cuid n-oidhirpean.
Mòran taing airson bhur taic 's cuideachaidh. Taing shònraichte ri
dhol gu BT Alba a phàigh cosgaisean an ro-sheallaidh againn am bliadhna.
TORMOD N. MACGILLIOSA
Stiùiriche na Colaiste