'S e Sabhal Mòr Ostaig, thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh, a bh'aig cridhe
chùisean san obair a dh'ionnsaigh stèidheachadh Ionad Chaluim Chille, Ionad Dualchais
agus Foghlam Gàidhlig a dh'fhosglas ann an Ìle san Fhoghar 2001.
Chaidh sgeama airson an Ionaid a chur air adhart leis a' Cholaiste sa chiad dol
a-mach an dèidh dhaibh cluinntinn bho mhuinntir Ile air cho dona 's a bha staid
na Gàidhlig a' fàs, agus sin ann an ceàrnaidh far an do thòisich eachdraidh na
Gàidhlig ann an Alba. Ag obair còmhla ri muinntir Ìle a tha air an riochdachadh
le Companaidh Leasachaidh Ìle agus Oilthigh na Gaidhealtachd 's nan Eilean,
's e Sabhal Mòr a chuir cùisean a' dol agus gu h-àraidh a tharraing a-staigh taic
bho ghnìomhachas.
Obraichidh Ionad Chaluim Chille Ile mar mheur de Shabhal Mòr Ostaig le stiùireadh acadaimigeach tighinn bhon Cholaiste a chuireas air dòigh cùrsaichean foghlaim aig deifir ìrean suas gu ìre-ceuma tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha an t-Ionad, air fhaicinn mar phròiseact lèirsinneach a bhios cudthromach a-thaobh cultair, eaconomaidh agus foghlaim, na cho-obrachadh a th'air suidheachadh an cridhe Ile, Earra Ghaidheal, Alba agus Gaidhealtachd Mhòr na h-Alba agus na h-Eireann.
Ged a bhios Ionad Chaluim Chille Ile
fo sgeith Shabhal Mòr Ostaig, thèid a rianachd le a bhòrd urrasairean fhèin
agus bidh an comas aige fhèin dol na shàr ionad eadar-nàiseanta san àm ri teachd.
Tha e do-sheachanta gu bheil na tha dol a thachairt ann an Ile a' togail air na tha seachad. A bharrachd air sàr dhualchas nàdarra, tha an dà chuid dualchas cultarail agus dualchas togte air leth beartach ri fhaotainn ann an Ile.
Obraichidh Ionad Chaluim Chille Ìle còmhla ri buidhnean coimhearsnachd
agus gnìomhachasan ionadail gus goireas a chur air bhonn airson luach, mìneachadh
agus tlachd fhaotainn bho chànan agus cultar nan Gaidheal.
Tha Sabhal Mòr Ostaig toilichte a bhith aig an stiùir, turas eile, san ath-bheothachadh seo, ag aithneachadh cho cudthromach 's a tha e gnothaichean fhosgladh a-mach don t-sluagh, cothroman a chruthachadh, misneachd a thogail sa choimhearsnachd, agus an cànan a thoirt air ais do sgìrean far an robh e uaireigin làidir agus cuideachd a' leudachadh ghnothaichean gu h-eadar-nàiseanta