Sabhal Mòr Ostaig - Colaiste Ghàidhlig na h-Alba
Turas - Cuairt-Litir an t-Sabhail

AN t-IUCHAR 200

INSIDE THIS ISSUE:
Welcome from the Director

Ionad Chaluim Chille Ile

Regeneration Award for Arainn Chaluim Chille

An Leabharlann agus an Cruinneachadh Celtica

Former Sabhal Mòr student wins Cuach Chomhairle nan Leabhraichean
Parlaimint na nÓg
Leasachaidhean ùr ann an 2000/2001
Tobar an Dualchais on the right path
STOP PRESS - Fèis Chaluim Chille 2000
Former Sabhal Mòr student wins Cuach Chomhairle nan Leabhraichea

Tha bliadhna air a dhol seachad bhon a chrìochnaich mi mo chùrsa aig an t-Sabhal.

Tri miosan as dèidh mo cheumanachadh bha mi thall ann an Gaillimh air Dianchursa Actaidh 'son tri seachdainean. Fhuair sinn oideachadh tro Gàidhlig is Gaeilge ag ionnsachadh mu na tha dhìth airson obair air an àrd urlar.

Goirid as dèidh sin fhuair mi cuireadh a dhol a-null gu Èirinn a-rithist nuair a choisinn mi duais 'san earrann Ghàidhlig de cho-fharpais bàrdachd.

'S ann 's a' cholaiste a thòisich mi a' sgrìobhadh le stiùireadh is comhairle bho Aonghas MacNeacail is Rody Gorman.

An dràsta tha mi nam neach taic fiosrachaidh aig Oifis an luchd turais ann am Portrìgh. Mairidh an obair sin chun an Damhair agus as dèidh sin cò aig a tha fios?

A' toirt sùil air ais air an dà bhliadhna a chuir mi seachad anns an t-Sabhal, rinn e feum mòr dhomh. Dh' fhàs mi nas fileanta anns a' Ghàidhlig agus cuideachd rinn mi adhartas anns a bhith bruidhinn is sgrìobhadh a' chànain. Bhuainnich mi cuideachd bhon taic a fhuair mi bho muinntir na colaiste agus bhon aoigheachd 'san àite.

It is now a year since I finished my course at Sabhal Mòr Ostaig

Three months after my graduation I went over to Galway, Ireland to participate in a drama course for three weeks, where we received tuition through both Irish and Scottish Gaelic and learnt the skills required to act on stage.

A short time after that I was invited back to Ireland again when I collected a prize for Gaelic poetry. I first began writing whilst at the college, with guidance and advice from Aonghas MacNeacail and Rody Gorman.

At present I am working as an Information Assistant with the highlands of Scotland tourist board in Portree. The work will last until October and after that who knows?!

Looking back, the two years that I spent at the college were very useful to me. My fluency in Gaelic improved and I made progress in both writing and speaking the language. I benefitted too from the support I received from the college staff and from the hospitality of the people.