Sabhal Mòr Ostaig - Colaiste Ghàidhlig na h-Alba
Turas - Cuairt-Litir an t-Sabhail

AN t-IUCHAR 200

INSIDE THIS ISSUE:
Welcome from the Director

Ionad Chaluim Chille Ile

Regeneration Award for Arainn Chaluim Chille

An Leabharlann agus an Cruinneachadh Celtica

Former Sabhal Mòr student wins Cuach Chomhairle nan Leabhraichean
Parlaimint na nÓg
Leasachaidhean ùr ann an 2000/2001
Tobar an Dualchais on the right path
STOP PRESS - Fèis Chaluim Chille 2000
Parlaimint na nÓ
le Dòmhnall Dòmhnallach

An uiridh thachair Pàrlamaid nan Oileanach anns an Eilean Sgitheanach agus abair seachdain a bh'ann.

'S e Iomairt Chaluim Chille a chuir i air dòigh agus thàinig oileanaich à Alba agus Eirinn còmhla airson cùisean a tha a' bualadh air daoine ann an dà Ghàidhealtachd a dheasbad . Bha i glè shoirbheachail ach, ged a bha mi nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, cha robh mi an sàs anns a' Phàrlamaid fhèin. Am bliadhna, anns a' Mhart, thachair a' Phàrlamaid a-rithist ann an Doire ann an ceann a tuath na h-Eireann. 'S e Parlaimint na nÒg agus Fèile 2000 an t-ainm a bh' air an turas seo agus ged nach eil mi cho òg a-nis, bha mi ann.

Bha dà dheasbaid oifeigeil ann rè dà latha: "A bheil anam na Gàidhlig ri reic?", agus "Aite na coimhearsnachd Gàidhlig anns an àm ri teachd". 'S e cothrom airson seallaidhean daoine òg na Gàidhealtachd a thogail, ach a bharrachd air sin 's e cothrom a bh'ann airson ceanglaichean eadar daoine ann an Alba agus Eirinn (tuath agus deas) a neartachadh. Air mo shon, 's e sin an rud a bu chudthromaiche agus an dràsta tha mi a' faicinn gu bheil barrachd gar tarraing còmhla na tha gar cumail o chèile.

Dòmhnall Dòmhnallach

Last year the first Student Parliament was held on the Isle of Skye and what a week it was!

Organised by Iomairt Chaluim Chille, students from Scotland and Ireland came together to debate issues affecting young people in the two Gàidhealtachds. It was very successful and although I was a student at Sabhal Mòr Ostaig, I wasn't involved in the Parliament itself.

This year in March the second Parliament took place in Derry, Northern Ireland. Called theYouth Parliament, and though I might not be so youthful now, I was there.

There were two official debates over two days: "Is the soul of Gaelic for sale?" and "The place of the Gaelic community in the future". This was a chance for the youth of both Gàidhealtachd areas to raise their views but, more than that, it was a chance for the people of Scotland and Ireland (north and south) to strengthen the links between them. In my opinion, this was the most important aspect of the Parliament and it's clear to me now that there is more that brings us together than keeps us apart.

Donald Macdonald