Tha sreath de chùrsaichean ùra agus leasachaidhean acadaimigeach eile gan cur
air bhonn sa bhliadhna a tha romhainn.
Thèid cùrsa inntrigidh Gàidhlig, ag amas air fìor luchd-tòiseachaidh agus ga theagasg
air astar, fheuchainn a-mach bhon t-Sultain 2000. Bidh an cùrsa ùr a' cleachdadh
stuth-ionnsachaidh "air-loidhne", teipichean fuaim, CD Rom le taic bho oide, agus
treisean de theagasg aig a' cholaiste gus oileanaich a thoirt gu ìre sa Ghàidhlig
a leigeas leotha tòiseachadh air a' chiad bhliadhna de chùrsa cheum aig Sabhal
Mòr Ostaig agus ionadan eile ann an OnaGE.
Thèid an sgeama Gàidhlig agus cuspairean co-cheangailte a th'againn mar tha, a leudachadh airson seisean 2000/2001 agus ullachadh ga dhèanamh an dràsta airson bliadhna urraim a chur ris na ceuman BA Cànan agus Cultar na Gàidhlig, agus Gàidhlig agus Iomall a' Chuain Siar. A bharrachd air an sin, tha dà cheum BA Gàidhlig eile gan deasachadh le speisealachadh ann an ceòl tradaiseanta agus cultar dualchasach agus bidh iad rim faighinn, an dèidh dearbhaidh, bhon t-Sultain 2000.
Tha Sabhal Mòr Ostaig, tron amas aige a bhith coileanadh miannan luchd na
Gàidhlig, tron phàirt a tha e gabhail ann an Oilthigh na Gaidhealtachd 's nan
Eilean, agus tro cheanglaichean le ionadan eile, am beachd sreath de stuth-ionnsachaidh
a dheasachadh a ghabhas togail thar an Eadar-lion. Bidh an leasachadh cudthromach
seo a' dèanamh cinnteach gu bheil cùrsaichean rim faighinn fad is farsaing sa
Gaidhealtachd, 's na h-Eileanan agus nas fhaide air falbh.

|
A number of exciting and pioneering academic initiatives are being developed for
implementation within the next academic year.

A Gaelic access course, aimed at complete beginners and delivered through distance
learning, will be piloted from September 2000. It is intended that this innovative
language course, utilising a combination of on-line learning materials, audio
cassettes, CD Rom with tutor support and short periods of college-based activity,
will bring students to a level of competence in Gaelic which will allow access
on to first-year degree courses at Sabhal Mòr Ostaig and other UHI centres.
The existing Gaelic and Related Studies Scheme is being extended for academic session 2000/2001, with an honours year for the existing B.A. degrees in Gaelic Language and Culture and Gaelic with North Atlantic Studies currently being prepared for validation. In addition, two further B.A. Gaelic degrees are being developed with specialisms in Traditional Music and Material Culture and will be available, subject to validation, from September 2001.
Sabhal Mòr Ostaig, through its mission to meet the learning aspirations of the Gaelic community and, supported through its active participation in the University of the Highlands and Islands project and links with other agencies, is planning to develop a range of learning materials for on-line delivery. This important development ensures that courses are more widely available within the Highlands and Islands and further afield.

|