Sabhal Mòr Ostaig - Colaiste Ghàidhlig na h-Alba
Turas - Cuairt-Litir an t-Sabhail

AN t-IUCHAR 200

INSIDE THIS ISSUE:
Welcome from the Director

Ionad Chaluim Chille Ile

Regeneration Award for Arainn Chaluim Chille

An Leabharlann agus an Cruinneachadh Celtica

Former Sabhal Mòr student wins Cuach Chomhairle nan Leabhraichean
Parlaimint na nÓg
Leasachaidhean ùr ann an 2000/2001
Tobar an Dualchais on the right path
STOP PRESS - Fèis Chaluim Chille 2000
TOBAR AN DUALCHAIS / KIST O RICHES on the right pat

Ghabh pròiseact cudthromach eile, a tha air a stiùireadh do UHI aig an t-Sabhal, ceum mòr air adhart nuair a dh'fhoillsicheadh Pròiseact Thiriodh anns an Iodhlainn, Sgairinis, Eilean Thiriodh air 2mh is 3mh Am Màrt 2000.

Thòisich obair Tobar an Dualchais / Kist o Riches 'san Ogmhios 1998 nuair a chaidh an Dr.Màrtainn Mac an t-Saoir fhasdadh mar Cho-òrdanaiche a' phròiseict.

Tha e air a bhith mar dhleasdanas air an sgioba bhon uairsin, plana-obrach freagarrach a leasachadh agus £3M a thogail gus mu 18 000 uair a thìde de chlàir an Gàidhlig is an Albais, a dhìon is a chur an tairgse an t-sluaigh tron Eadar-lìon. Thèid 21 obair a chruthachadh an lùib Tobar an Dualchais / Kist o Riches

'Se a bh'ann am Pròiseact Thiriodh ach deuchainn gus dearbhadh gun obraich na thathar an dùil a chur an sàs fad 4 bliadhna 'sa phròiseact mhòr. Chaidh 30 clàr Sgoil Eòlais na h-Alba agus BBC Alba a chur an cruth didseadach agus 's e triùir Thirisdeach, on dachaigh aca, a rinn obair-chatalog orra.

'S ann air sgàth deagh cho-obrachadh eadar sgioba Thobar an Dualchais / Kist o Riches, Roinn Chompiutaireachd Oilthigh Dhun Eideann agus Co-Roinn Ghàidhlig Thiriodh is Cholla a thàinig gnothaichean gu buil mar bu mhiann.

Agus 's ann an Tiriodh, mar bu chòir, a fhuair am mòr-shluagh a' chiad chothrom toradh na h-obrach seo fhaicinn nuair a chaidh an làrach-lìn snasail http://www.tiriodh.ed.ac.uk/ fhosgladh dhan t-saoghal. Air an làraich seo, thèid aig duine sam bith air feadh an t-saoghail, sgrùdadh mionaideach a dhèanamh agus na guthan is an cèol de chòrr air 600 pìos air leth, a chluinntinn.

Chòrd na chunnaic is na chuala iad glan ri muinntir an àite is iad air chomas airson a' chiad uair o chionn mòran bhliadhnachan cuid dhen càirdean is an co-eileanaich a chluinntinn cho math. Thug an toileachadh seo brosnachadh mòr do sgioba Thobar an Dualchais / Kist o Riches.

Anns an t-Samhainn 1999 chaidh iarrtas luach £1.975 Millian chun a' Chrannchuir Nàiseanta-Heritage Lottery Fund (HLF) agus thathar an dùil gum beachdaich Comataidh na h-Alba (HLF) air an sin air 1 An t-Ogmhios 2000. Mas e agus gun soirbhich leis aig an ìre sin thèid a chur gu coinneamh Urrasairean HLF air 25 An t-Iuchar 2000 ann an Lunnainn.

Tha iomadh buidheann air gealladh a thoirt gun cuir iad airgead ris a' phròiseact, £850 000 uile gu lèir, air a' bhonn gum faighear airgead HLF. Nam measg tha 7 buidhnean a' phròiseict, Scottish Executive, BT (Scotland), Comhairlean Ionadail agus Companaidhean Iomairt Ionadail. Tha airgead fhathast ri thogail ged-tha gu h-àraid bhon Roinn Phrìbhidich.

Cha robh àm na b'fheàrr ann, leithid a' phròiseact a chur air saod an Alba agus tha an Co-ordanaiche agus luchd-stiùiridh Tobar an Dualchais / Kist o Riches làn dòchais gum bi seo cuideachd gu math follaiseach do mhuinntir an airgid

Another important UHI project managed by Sabhal Mor Ostaig reached a crucial milestone on 2nd and 3rd March 2000 when Pròiseact Thiriodh was unveiled in An Iodhlann, Scarinish, Isle of Tiree.

Tobar an Dualchais / Kist o Riches aims to digitise and make accessible on-line some 18 000 hours of Gaelic and Scots sound archive material from 3 major collections. The 4 Year project will cost £3M and create 21 Full-time equivalent jobs. Dr Martin MacIntyre has been in post since June 1998, working alongside the Steering Group in order to co-ordinate the project and attract necessary funding.

Pròiseact Thiriodh was a pilot to test and prove the planned methodology and technologies for the larger project. 30 hours of Tiree material from BBC Alba and the School of Scottish Studies was digitised and then catalogued on Tiree by 3 members of the community, working from home. An important learning exercise, Pròiseact Thiriodh proved that this approach was indeed appropriate.

The Tobar an Dualchais / Kist o Riches team worked in close collaboration with Edinburgh University Computer Sevices (EUCS) and the Tiree and Coll Gaelic Partnership in order to bring Pròiseact Thiriodh to fruition.

Appropriately, Tiree was the venue for the first public showing of the project. Members of the community viewed the attractive web-site http://www.tiriodh.ed.ac.uk at an on-line presentation. Now, anyone throughout the world can make advanced searches and listen to the voices and music contained on over 600 individual tracks.

The enthusiasm displayed by the Tirisdich for the project has given the whole team a major boost of confidence with regards to the interest in the material and the importance of returning it to the areas where it was garnered.

Tobar an Dualchais / Kist o Riches submitted a £1.975 Million bid to the Heritage Lottery Fund in November 1999. This bid will be considered by the HLF Scottish Committee in Edinburgh on June 1 2000 and if successful will come before the HLF Trustees in London on 25 July 2000 for ratification. The project has secured matching funding in the region of £850, 000 from various organisations including, the7 Project Partners, The Scottish Executive, BT (Scotland), Local Authorities and Local Enterprise Companies.

There is still future work to be done in attracting particularly Private Sector funding, and any help or advice would be most welcome. However well we do, it is obvious that the success of the project as currently outlined is contingent on a favourable HLF award. Some would say there has never been a better time in Scotland to pursue a project of this nature. Let's hope the funders see it that way too.