English

Seumas Ruairidh MacDhòmhnaill

Tidsear / Sgrìobhadair / Seinnedair Èist

Thogadh mi ann an Carolina a Tuath, ach ’s ann ann an Alba Nuadh a tha mi a' fuireachd a-nis. Rinn mi ceum PhD ann an Sgoil Eolais na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1993. Bho 2002-2007, theagaisg mi sa Roinn Cheiltich ann an Oilthigh Naomh Francis Xavier an Canada. Ma tha sibh airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mum dheidhinn, seo an Curriculum Vitae agam. An dràsta, tha mi aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Seo ceithir leabharaichean agam a tha air a bhith fhoillseachadh:

Làn Gàidhlig Na Trì Mucan Beaga Peadar Rabaid Beniàmin Coineanach

Tha na leabhraichean seo fìor mhath airson luchd ionnsachaidh. Ma tha thu airson fear dhiubh a cheannach, cuir fios thugam aig: .

Ann an 1999, chuir mi Seachdain nan Òran agus a’ Chànain Gàidhlig air bhog ann an Carolina a Tuath, cùrsa samhraidh. Ma tha ùidh agad ann an tighinn dhan t-seachdain seo, nach cuir thu post-d thugam. .

Bidh mi a' ruith bhùthan-obrach ann an Gàidhlig, òran Gàidhlig, agus eachdraidh. Ma tha thu airson Gàidhlig ionnsachadh, bidh mi a' dèanamh leasanan Gàidhlig air loidhne tro Skype. A bharrachd air seo, bidh mi a' seinn aig cruinneachaidhean Albannach. Ma bhios feum agad orm mar thidsear no sheinneadair, leig fios thugam.

Seo agad Stòr-Dàta a rinn mi airson a' chlas Coimpiutaireachd 2 aig Sabhal Mòr Ostaig: Càraichean Aig Sabhal Mòr Ostaig