Caoimhin Duilleagan Rannsachaidh

Tuathanas Gaoithe an Aodainn Bhàin

Thòisich bruidhinn a' dol air adhart airson planaichean a dheasachadh gus Tuathanas Gaoithe a thogail air monadh eadar an t-Aodann Bhàn agus an t-Sruan. Bha mòran deasbaid ann le tòrr dhaoine a bha a' fuireach san Aodann Bhàin ag iarraidh stad a chur air seo tachairt. Ach gu iongantach, cha robha sabaid sam bith san t-Sruthan mu dheidhinn, 's dòcha gun robh duine no dithis nach robh buileach ag aontachadh leis ach cha do thuit duine sam bith a-mach mu dheidhinn.


ʼS e Amec an companaidh a thòisich am pròiseact a bha seo. 'S iad a fhuair cead planaidh airson na muileannan gaoithe a thogail. Ach ann an 2008, ghabh companaidh Vatenfall seachad air a h-uile pròiseact a bh’aig Amec agus bha an t-Aodann Bhàn am measg seo. 'S e companaidh Suaineach a th’annta. Airson a’ chiad sia miosan ann an 2014, uile gu lèir thug Vattenfall a-staigh £860 millean. Bho an t-Sultain 2013 gu an Lùnasdal 2014, rinn Vatenfall £10.8millean de phrothaid bho thuathanas gaoithe an Aodainn Bhàin fhèin.

Ged is e Tuathanas-Gaoithe an Aodainn Bhàin a thʼ air, tha na muilleanan gaoithe a' scapadh a-null gu monadh an t-Sruthain.

ʼS ann an 1993 a chaidh na ciad phlanaichean airson tuathanas gaoithe a thogail san Aodann Bhàn a chuir air adhart. Dh’ aontaich Comataidh Planaidh Comhairle na Gàidhealtachd ris am planadh ann an 2003 ach chuir luchd cur-an-aghaidh bacadh air a' phlanadh seo agus cha b’ ann gu 2007 a bha na planaichean uile air an aontachadh.

Cron a dhèanadh an tuathanas gaoithe

Ann an 2010, dh’fhosgail tuathanas gaoithe an Aodainn Bhàn as dèidh mu deich bliadhna de dheasbaid. Aig an toiseach roinn seo a’ choimhearsnachd le argamaidean làidir aig an dà thaobh. Ann an 2005 chaidh milleadh a dheanamh air dachaighean agus gàrraidhean le feadhainn a bha an àghaidh a’ mholaidh. Bha mòran a’ faireachdainn gun chuireadh an tuathanas gaoithe bacadh air luach na taighean agus croitean. Tha e doirbh gu leòr a bhi a’ reic san latha an diugh get nach biodh an còir thrioblaidean ann. Ann an 2005, bha bhòt aig muinntir a’ bhaile agus cha d’ fhuair luchd cur-an-aghaidh ach 30% airson stad a chur air am pròiseact. Cha robh gu leòr an seo agus airson an cuideachadh, thòisich iad ri greim fhaighinn air daoine agus buidheannan aig nach robh ceangal neo ùidh anns an eilean airson a bhith an sàs anns a’ phròiseact. Le seo, bha an suitheachadh air a chur air ais dhan toiseach.

Na h-eòin

Buannachdan dhan Choimhearsnachd

Dè tha a’ choimhearsnachd a’ faighinn air ais? Tha e air aontachadh gum faigh an t-Aodann Bhàn £40,000 a bhios air a roighinn eadar muinntir a bhaile – dìreach mu 0.37%. Ach chan eil a’ choimhearsnachd air fad a’ faighinn buannachd às a seo, dìreach croitearan a bhiodh ag obair am fearann. Leis a’ bheagan airgead a tha air a chur air ais don choimhearsnachd, thathar an dochas gun toirt seo beagan mìsneachd agus ùidh do dhaoine òga fuireach anns an àite agus gnè-beatha nas fhèarr fhaighinn. ‘S dòcha gun toirt e mìsneachd dhaibh a bhidh an sàs ann an croitearachd cuideachd. Seo an amas a bh’aig muinntir a bhaile aig an toiseach.

Seo ceangal gu duilleag a rinn mi air stadastaigs bho thuathanas gaoithe an Aodainn Bhàin. Vatenfall stats.