![]() |
![]() |
| Seo am baile | Seo a' helipad |
Tha Eilean Scalpaigh gu math beag ach tha còrr is trì fichead duine a' fuireachd ann an dràsda. Tha tòrr dhaoine an-diugh a' falbh gu àitichean mar Dùn Eidean, Glaschu, Obar-Dheadhain, Inbhir Nis agus àitichean mar sin airson obair fhaighinn. Tha tòrr den òigridh a' falbh airson dol dhan na colaisdean anns na h-àitichean seo.
An dràsda tha aiseag (Canna), a' dol a-null 's air ais bho Chaolas Scalpaigh gu Scalpaigh fhèin, ach mun àm seo an ath bhliadhna, cha bhi an aiseag ann seach gu bheil iad a' togail drochaid ùr.
Tha tòrr luchd-turais a' dol an null agus tha iad an dòchas gum bi barrachd ann an uair a bhios drochaid Scalpaigh fosgailte.
Tha taigh solais air an Eilean fhèin agus 's ann chun an àite seo a bhios luchd-turais a' dol. Tha e fosgailte fad an t-Samhraidh, agus cuideachd tha B&B anns an taigh solais fhèin airson daoine a tha ag iarraidh fuireach ann.
Chan eil mòran bhùthean anns an Eilean seo idir. Tha bùth ann airson biadh agus rudan mar sin agus tha Oifis a' Phuist ann le rudan mar biadh bhideos agus rudan mar sin. Cuideachd tha bùth eile ann agus tha iad seo a' reic snàth agus 'Harris Tweed' agus rudan den t-sheòrsa sin. Tha dà bhana a' tighinn gu Scalpaigh h-uile seachdainn agus tha fear de na bhanaichean a' reic aodach agus prèasantan agus am fear eile a' reic feòil. Ma tha iad ag iarraidh rudan eile feumaidh iad a dhol gu Steòrnabhagh neo dhan Tairbeart airson am faighinn.
Chan eil mòran a' dol air adhart ann an Scalpaigh ach tha talla gu math ùr ann agus tha diofar spòrs a' dol air adhart an seo airson na h-òigridh (agus airson nan daoine a tha nas aosda!!). Ach chan eil càil eile ann ri dhèanamh gus an tig an samhradh agus an uairsin tha 'seachdainn Gala' ann. An seo tha iad a dèanamh diofar spòrs tron t-seachdainn mar snooker, ball-coise, pùl, badminton agus mar sin air adhart. Cuideachd airson an fheadhainn bheaga tha 'bouncy castle' agus geamaichean pàrtaidh agus rudan mar sin ann agus tha 'Gala Queen' agus 'Gala princess' aca.