Duilleagan Dhachaigh - Pòl Dòmhnallach

    Tha mi 'nam oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.
 
Dealbh breagha den Chuilbhionn anns an 
Eilean Sgitheanach bho Drochaid Shliogachain 
 
    Rugadh mi ann an Wrexham anns a' Chuimrigh a tuath 's thogadh mi ann an Glaschu a deas, ann an Shawlands. 'S ann à Glaschu a tha mo phàrantan. Bha ùidh agam 'sa Ghàidhlig nuair bha mi òg. Bha mo sheanair às a' Ghearasdan agus bha Gàidhlig aige. Tha cuimhne agam air mo sheanair nuair a bha mi òg. Bhithinn a' fuireach aig an taigh aige ann am Pairc na Bànrighinn, Glaschu. Bhiodh mo sheanair a' seinn 'sa Ghàidhlig fad na h-ùine.
 
    Tha ùidh mhòr agam ann an slòinntearachd. Rugadh mo shin-sheanair ann an Ceann Loch Muideart. Chan eil Ceann
Loch Muideart ach ceithir no coig mìle à Caisteal Tioram.
 
 
Dà dhealbh de Chaisteal Thioram ann an Muideart
 
'Se seann-chaisteal aig Chlann Mhic Ailein a bha ann an Caisteal Tioram. Tha mòran fiosrachadh mu dheidhinn Caisteal Tioram air a' dhuilleag dhachaigh oifigeil. 'S ann à Muideart a bha mo shinnsirean. Is toigh leam a bhith a' dol do Muideart gu math tric. Is toigh leam an dealbh breagha sin bhon Gleann Uige. Chi sibh na Beanntan Ruma air astar.

 

 
    Nuair bha mi òg, thuirt mo sheanair riumsa gun deach mo shìn-shìn-shìn-shìn-shìn sheanair a-mach còmhla ri Tèarlaich Òg Stiubhart ann an 1745. Tha mi a' creidsinn gun deach e gu Derby còmhla ris Na Sheumasaich agus thàinig e air ais ann an Muideart as dèidh Blàr Chuilodair. Uill, sin mar a dh'innis mo sheanair dhomh!
 
    Cha b'aithne dhomhsa mo sheanamhair. Chaochail i mus do rugadh mi. 'S ann às Drochaid an Aonachain a bha i, ged a thogadh ise ann am Partick ann an Glaschu.

    Ghluais an teaghlach agamsa do Shasainn nuair bha mi aon bhliadhna deug a dh'aois. Mar sin chaidh mi gu Àrd-Sgoil ann an Crosby, faisg air Liverpool far an robh m'athair ag obair anns a' Pholais. Thàinig mi air ais gu Alba ann an 1977, nuair bha mi aig obair ann an taighean-òsdan anns a' Ghearasdan, ann an
Iùthair faisg air Caisteal Duibhart anns an Eilean Muile.

    As dèidh sin chaidh mi air ais do Shasainn. 'S e polais a bh'annam airson dusan bhliadhna. Bha mi ag obair ann an Liverpool aig an uair sin agus bha mi an-sin nuair thachair aìmreit mòra ann an Toxteth ann an 1981. Tha cuimhne agam an oidhche anns an Iuchar nuair bha mi 'nam sheasamh air culaibh riot-shield airson tri no ceithir uairean nuair a bha na tògalachan timcheall orm a' losgadh! Bha an t-eagal mòr orm an oidhche sin,gu dearbh fhèin!

    Dh'fhàg mi am Polis ann an 1990 agus chaidh mi don Chuimrigh far an robh mi a' fuireach barrachd a coig bliadhna.
 
Seo Caisteal Gwydir faisg air Llanrwst
'sa Chuimrigh far an robh mi a' fuireach
agus ag obair. 'Se taigh-òsda a th'ann. 
                           Bha e air a thogail ann an 1525.
Dyma Rheadr Ewynnol gan Betws-y-coed 
neu 'Swallow Falls' yn Saesneg. Mae hi'n braf iawn. 
Dw'in wedi byw yn ymyl Betws o bedair blwyddynoedd 
Mae hi'n yn yr Parc Genaedlaethol Eryri
 
 
    Uill, am faca sibh an mearachd rùn-phàirtich a rinn mi as airde? An dùirt sibh "Chunnaic"? Tha sibh ceart bha am pìos sgrìobhaidh fo'n darna dealbh 'sa Chuimris. Tha e a' ciallachadh "Seo Eas na Aileige faisg air Betws-y-Coed, no 'Swallow Falls' 'sa Bheurla. 'Se aite gu math breagha a th'ann. Bha mi a' fuireach ceithir bliadhnachean faisg air Betws anns a'
Phàirc Naiseanta Snowdonia.

    Bha mi 'nam mhanaidsear taigh-òsda ann an Llanrwst ann an Gleann Conwy  ann an Gwynedd. (Sut mae i bawb o'r Clwb Rygbi Nant Conwy?!) Bha mi ag 'ionnsaichadh cànan Cuimris nuair bha mi an-sin. Chaidh mi do chlàsichean oidhcheannan. Tha mòran cothrom airson bruidhinn Cuimris ann an Gwynedd far a bheil cànan Chuimris as treasa. Tha e gu math eadar-dhealaichte ri Gàidhlig ach bha i nas fhasa a bhith a' ionnsachadh oir bha h-uile daoine anns a' bhaile a' cleachdadh a' chànan fad na h-ùine. Chan eil sin mar a bhitheas ri Gàidhlig....bu mhòr am meud! Tha mòran duilleagan dhacaighean Chuimris air an eadar-lion. Tha am fear as fhèarr (ann an mo bheuchd agam fhèin!) aig Mark Nodine .

    Rinn mi cùrsa aig Coleg Harlech ann an 1994-95. Is toigh leamsa Harlech, se aite gu math breagha a t'ann agus tha
mòran luchd-turais a' dol ann 'sa Samradh. Seo dealbh bhon an t-seann caisteal ann an Harlech. Se fear a' chearcaill chaistealain timcheall Gwynedd a rinn Rìgh Sasannach Eduard I aig deireadh an linn 14mh a bh'ann.
 
 
 Caisteal Harlech anns sa' Chuimrigh. Tha e na sheasamh air creag àrd os cionn am baile.
Bratach a' Cholaisde Harlech. Tha na faclan Ladainn a' ciallachadh "Let him who is a leader be a bridge" 'sa Bheurla 
Thàinig am bratach a-mach às na seann sgeulachdan Chuimrich a cànas iad "Mabinogion".
 
Seo dealbh a thog mise bhon an seomar agam fhèin ann an 1995.
'Se tir-Lleyn a th'ann ann an fhearann air astar.
 
       As dèidh sin thàinig mi do Oilthigh Dhun Eideann.

    Thoisich mi cùrsa ceum ann an dà chuspair; Eachdraidh na h-Alba agus Ceiltis. Thoisich mi a' Ghàidhlig a' ionnsaich anns An Damhair 1995.

    Thoisich mi cùrsa làn-thide aig Sabhal Mòr Ostaig anns An t-Sulthain 1998. Tha mi a' dèanamh cùrsa Gàidhlig 's Conaltradh an-seo. Tha an cùrsa a' còrdadh riumsa, tha e gu math inntineach. Tha duilleagan dhacaigh inntinneach aig mo charaid Alasdair MacNeachail. 'S toil leam a bhith a' fuireachd anns an Eilean Sgitheanach. 'Se aite gu math breagha a th'ann! Chì mi sealladh boidheach bhon an uinneag agam. Nuair thig an t-sìde shoilleir 's ghlàn, chìthinn sealladh à Cinntaile agus Ròis an Iar gu tuath agus Rubha Aird nam Murchain gu deas! Tha an t-sealladh seo math dhà-rireadh!

Spòrs

    Tha ùidh agam 'sa Bhall-coise. Is toigh leam Celtic Football Club à Glaschu. Bhuannaich sinn Lìg Ball-coise na h-Alba an ùiridh. Tha ticead-seasain agam airson Pairc na Ceiltis agus tha mi a' dol a Glaschu gu math tric airson na geamaichean fhaicinn. Is toigh leam taigh-òsdean Glaschu gu sònraichte am 'Mitre Bar' ann an t-Sràid Brunswick (faisg air an Trongate) far a bheil mo chairdean Gerry, Kevin and Jack Feebers ag obair!
Uill, bidh fios aig h-uile daoine gun rinn sinn an gnothaich 'sa Chèitean nuair bhuannaich sinn an Lìge nuair chuir sinn stad gu Rangers agus an dùil aca "10-in-a-row" fhaighinn!

    Thoisich mise duilleag dhachaigh Bhuill-choise an-seo! Na thig sibh an-seo ma tha sibh a' leantainn na Rangers!!

    Is toigh leam Iomaint cuideachd. Nuair bha mi a' fuireach ann an Dun Eideann bha mi 'nam bhall na Comann Camanach Oilthigh Dhun Eideann. Tha duilleagan inntinneach aig Comann na Camanachd fhèin.

Geamaichean

    Tha mi a' cluich tàileasg no 'chess' sa Bheurla. Tha mòran duilleagan dhachaigh taileasg air an eadar-lìon. Is fheàrr leam na duilleagan aig Caissa agus tha an tè aig Buidheann Taileisg Oilthigh Dhun Eideann math dhà-rireadh cuideachd. Ma tha sibh ag iarraidh a bhith a' cluich an aghaidh compiutair-taileisg bu choir dhuibh a bhith a' fiachainn an duilleag aig Oilthigh Yale 'sna Stàitean.

Leughadh

    Is toigh leam a bhith a' leughadh. Is fheàrr leam nòbhalaichean le sgrìobhadarain Albannaich, gu sònraichte John Kelman, Iain Banks, Irvine Welsh agus Alasdair Gray. Is toigh leam bàrdachd cuideachd, gu sònraichte Roibeard Burns agus Hugh MacDiarmid. Tha a' bhàrdachd aig Edwin Morgan a còrdadh rium cuideachd, tha e gu math eadar-dhealaichte. Tha na duilleagan dhacaidh litrìochta aig Andrew Crumey gu math inntinneach. Tha mòran stùth ann mu dheidhinn sgrìobhadairean Albannaich.

    Is toigh leam a' bhàrdachd aig am bàrd ainmeil Cuimrich Dylan Thomas. Tha am bàrdachd aig Bobi Jones glè mhath cuideachd. Tha cuid-mhòr de bàrdachd aig Bobi Jones 'sa canan-Chuimris.

Bàrdachd Ghàidhlig

    Is toigh leam bàrdachd Ghàidhlig cuideachd. Tha mi ag obair air pròsiect aig a' cholaisde an-dràsd'. Cuiridh mi cuid den eìsimplirean as fheàrr na Bàrdachd Ghàidhlig air an eadar-lìon. 'Se pròsiect gu math cudromach a tha seo agus tha mi an dòchas gum bi deagh-thagh den dàin 's òrain as fheàrr agus as cudromaiche ann an aite far 's urrainn dhaoine sam bith 'ga fhaicinn agus 'ga leughadh.

Tha an clàr-amais den duilleagan bhàrdachd agam an-seo.

   Is toil leamsa bàrdachd aig Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Tha e gu math inntinneach. (Uill, gu dearbh 'se Muideartach a bh'ann!) Is toigh leam bàrdachd aig Somhairle MacGhillLeathain, Iain Mac a' Ghobainn 's Ruairi MacThòmais bho an linn seo. Uill, s' tòcha gum bu choir dhomh ag ràdh gu bheil am bàrdachd aig Rody Gorman agus aig Aonghas Pàdraig Caumbeul a' còrdadh riumsa. Tha an dithis a' teagasg an-seo agus tha mise ag iarraidh mòran 'brownie points' fhaighinn!

Ceòl

    Is toigh leam cèol bho àiteachan eadar-dhealaichte. Tha còmhlain Gàidhlig a' còrdadh rium mar Runrig agus Capercaillie. Is toigh leam bàna-sheinnadairean Gàidhlig mar Cairistìona Primrose, Catriona Anna Nic a' Phì 's Mairead Stiubhart. Is toigh leam cèol mòr, gu sònraichte na brathraithean Dòmhnallaich à Gleann Uige. Is toigh leam còmhlan Albannaich a tha a' seinn 'sa Bheurla mar Texas, Hue and Cry, Deacon Blue, The Proclaimers, Big Country m.s.a.a. Is toigh leam cèol Eirinneich cuideachd mar eisimplier The Chieftains 's The Dubliners agus gu sònraichte Christy Moore. Is toigh leam Van Morrison cuideachd ged a bhitheadh e a' leantainn na Rangers!

    Tha Catatonia à Cumrigh. 'Se còmhlan ùr a th'annta agus tha iad a' thoirt dhuinn ceòl ùr ann an dà chanan Cuimris 's Beurla. Tha mi a' smaoineachadh gur e còmhlan gu math brosnachail a th'annta.

    Ach is toigh leam cuid-bheag de còmhlan Sasannaich cuideachd, gu sònraichte Oasis agus The Verve. Is toigh leam The Beatles cuideachd. Uill, tha fios agam gu bheil iad beagan sean-fhasanta an-dràsd' ach bha iad glè mhòr-chòrdte nuair chaidh mi a' fuireachd ann an Liverpool aig deireadh na tri-ficeadain (the 60's!). Co-dhìu, tha iad mòr-chòrdte fhathast air feadh an saoghal.

    Tha ùidh agam ann an cànain eile cuideachd, tha mi ag ionnsachadh Spainntis an-seo aig Sabhal Mòr fhèin còmhla ri oileanaich agus luchd-obrach eile. Tha Federico Jiménez Asenjo a teagasg an clas Spainntis. S ann à Madrid a tha Federico ged a bha e a' fuireach ann am Bilbao 'sa duthaich Euskara airson mòran bhliadhnachean. Tha mòran cheanglaichean gu math inntinneach air an eadar-lìon mu dheidhinn cànain air feadh an t-saoghal.Fiaich sibh na duilleagan cànain no mion-cànain an-seo aig Sabhail Mòr Ostaig fhèin.
 
Politeacs

    Tha mi 'nam bhall de Phàrtaidh Naiseanta na h-Alba. Tha mi an dòchas gum bidh sinn a dèanamh glè mhath aig Tagh Naiseanta 'sa Cheistean am bliadhna nuair toiseachas an ciathad Parliamaid na h-Alba bhon 1707. Thèid sinn saorsa, mu dheireadh thall! Tha na duilleagan dhachaigh SNP fhèin an-seo.

Creideamh

'Se ministear a th'annam ann an Eaglais a' Bheatha Uilich.