Sharon Kirk

           Duilleag dachaigh

'S ann ann an Cupar, ann am Fìfe, a' rugadh mi ach cha deach mo thogail ann a' sheo idir; tha mi air a bhith fuireach ann am bailtean eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha - ann an Alba agus, airson greis, ann an Sasainn.
Tha mo phàrantan fhathast a' fuireach ann an Sasainn; mo mhàthair ann an Shropshire agus m'athair faisg air Rugby.  Tha  dà bhràthair agam; Gary, 34, agus Jamie, 12.  Tha an dithis aca a' fuireach ann an Sasainn cuideachd.

As dèidh dhomh an sgoil fhàgail, chaidh mi dhan Oilthigh Dhùn Eideann   far an do rinn mi ceum honours ann an cànan 'is litreachas Eadailteais.  Fhada 's a bha mi aig an oilthigh, ghabh mi dà bhlidhna dhèth agus chaidh mi dhan an Eadailt.  Anns a chiad dol a-mach dh' obraich mi mar au-pair airson teaghlach a Florence ach, as dèidh tri mìosan comhla riutha ghluais mi gu Ròm far an deach a h-uile rud fada nas fhearr!

Ach chan e siud a bha mi ag iarraidh a bhith dhèanamh; bha mi airson a bhith nam chleasadair.  Mar sin, as dèidh dhomh an oilthigh fhàgail, chaidh mi dhan 'Ecole Internationale de Theatre de Jacques Lecoq' ann am Paris airson dà bhliadhna - abair experience!
Dh'fhuirich mi anns an Fhraing airson corr is ceithir bliadhna agus bha mi nam runaire, nam waitress, agus nam teacher of English mar darna chànan.  Ma tha sibh ag' iarraidh coimhead air an Cunntas Beatha agam, gliocaibh air am facal ach cuimhnaibh nach eil a h-uile pìos obair air agus tha an C.B. ann am  Beurla fada nas fhèar!

'S toil leam a bhi togail dealbhan dathte agus dealbhan dubh 'is geal.

 Bhithinn gu math toilichte nan cuireadh tu d'ainm anns an leabhar luch-tadhail agam.