
(Air a leantainn) Chuir iad an oidhche sin thairis ann an Cìngsburgh, far an do bhuineadh riu air gach seòl gu fial. Air an ath là, dh'fhàg am Prionsa Cìngsburgh; agus chaidh Fionnghal maille ris gu Portrìgh, far an do dhealaich i ris. Aig àm an dealachaidh, phòg e i agus, leis na deuraibh 'na shùilibh, thubhairt e rithe "Tha mi an dòchas, ainnir uasail agus fhìrinnich, gu'n còmhlaich sinn a chéile fhathast ann an lùchairt an rìgh." An sin ghabh e an t-aiseag do Ràsaidh, agus, as an eilean sin, chaidh e do Shrath Mhic Ionmhuinn, maille ri duine bochd d'am b'ainm Calum Mac Leòid, mac Iain 'ic Iain. Agus rè na slighe, bha'm Prionnsa 'na ghille-màileid aig Calum!
As an t-Srath, sheòl e null gu Arasaig; agus lìonadh e leabhar iomradh a thoirt air gach deuchainn, cruaidh-chas agus àmhghar a dh'fhuiling e air feadh Arasaig, Mhuideirt, agus garbh-chrìoch na Gàidhealtachd, gu meadhon an fhogharaidh, an uair a thàinig soithichean a thug e fhéin agus na h-uiread d'a chàirdibh a null do'n Fhraing.
Ged a thàr am Prionsa mar so as le 'bheatha, gidheadh cha robh an òigh dhìleas a chuir a beatha fhéin ann an cunnart air a shon ach ann an toiseach a trioblaidean. Is iomadh àmhghar agus cruaidh-chas a bha an dàn di fhulang an déidh sin. Cha b'fhada gus an do ghlacadh i, agus gus an d'thugadh i fhéin agus Cìngsburgh, Mac Ionmhuinn an t-Sratha, agus Calum mac Iain 'ic Iain, 'nam prìosanaich do Lunnuinn. Agus dhruideadh a stigh 'san Tùr iad, chum an cur fo dheuchainn.
Bha mór-mheas aig maithibh na rìoghachd air an rìbhinn eireachdail agus dhealaidh a theasairg am Prionnsa le tréibhdhireas co mór. Agus, am measg chàich, chaidh am Prionnsa Frederic (seann-seanathair ar Banrìghinn Bhictoria) do'n phrìosan 'ga faicinn, agus ghnàthaich e a mhór-chumhachd chum a cur fa sgaoil. Shoirbhich a' chùis leis. Fhuair Fionnghal cead a coise; oir có, aig am biodh meas air ionracas agus air fìor dhìlseachd, a b'urrainn an òigh uasal a dhìteadh?
Ghabh i còmhnuidh car tamuill ann an Lunnuinn; agus bha'n taigh anns an robh i air a chuairteachadh gach là le carbadaibh lìonmhor nan àrd-uaislean, a thainig a chur urraim oirre. Phill i a rithis gu eilean a breith; agus, ceithir bliadhna an déidh sin, phòs i Ailean, mac Fhir Chìngsburgh. An uair a dh'eug Cìngburgh, chaidh Ailean, a mhac, 'na àite. Agus an sin, bha Fionnghal 'na bean-taighe anns a' cheart àit' anns an do chuir am Prionnsa a' cheud oidhche thairis 'san Eilean Sgitheanach.
Chaidh i an deídh sin do America maille r'a companach, far an do ghabh i co-roinn anns a' chogadh a bha san àm sin co sgriosach 'san tìr sin. An déidh iomadh cruadal fhulang anns an dùthaich sin nan coigreach, phill iad a rithis do'n Eilean Sgitheanach. An uair a bha iad mu leth-chuain, thachair long Fhrangach orra, a thòisich air losgadh orra! Bha'n cath gu h-ealamh air bonn; agus chaidh Fionnghal gu grad suas chum clàr-uachdair na luinge, far an robh i gu gaisgeil a' brosnachadh nam maraichean gi bhith treun agus euchdach. Bhriseadh a làmh sa' choimh-strith, gidheadh cha do thréig a misneach i, agus cha do lughdaicheadh a gaisge.
Cha d'fàg i an t-Eilean Sgitheanach tuilleadh an déidh sin. Bha seachdnar chloinne aice (cùignear mhac agus dithis nighean), a thuilleadh air cuid a bhàsaich 'nan òige. Bha a mic uile nan ceannardaibh 'san arm, agus bha iad dìleas d'an rìgh agus d'an rìoghachd. Agus bha a cuid nighean pòsda aig ceannardaibh mar an ceudna. Cha'n eil fiù a h-aon do'n teaghlach so a nis (1841) ann an tìr nam beò! Ràinig Fionnghal sean aois. Agus gus an là mu dheireadh, bha i aoidheil agus uasal 'na giùlan.
Air a' chùigeamh là do'n Mhàrt 1790, thug i suas an deò. Agus dh'adhlaiceadh i ann an Clachan Chill-Mhuire, 'san Eilean Sgitheanach. Cha bu lugha na trì mìle sluaigh chaidh maille ris a' ghiùlan do'n chill. Phaisgeadh a corp (a réir mar a dh'àithn i fhéin, iomadh bliadhna mun d'eug i) anns a' cheart lìon-eudach sin anns an do chaidil am Prionnsa an oidhche a bha e ann an Chìngsburgh. An ceann dà bhliadhna an déidh sin, thaisgeadh a fear-pòsda ann an uaigh r'a taobh; far, mar an ceudna, am bheil a sliochd gu tosdach 'nan suain.
Mar so, tha Fionnghal, nighean Raonuill Mhic Aonghais Òig, a bha uair-eigin sgiamhach mar bhlàth na maidne, a nis 'na sìneadh fo tholmhan uaine, gun chuspair sam bith a bhith fhathast air a thogail d'a cuimhne, d'a tairisneachd, no d'a mór-ghnìomh. Mar so théid sgiamh an t-saoghail so seachad!
(Crìoch)
Séisd:
An cluinn thu mi mo nighean donn,
Dèan éisd is thoir an aire dhòmh;
Tha móran dhaoin' 'sa bharail seo,
Gur òg an leannan dhomh-s' thu.
Rann:
Is ged bu liath mo chiabhagan,
Na cuireadh sin fo iargain thu;
Chan eil mi sean am bliadhnachan,
'S bu mhiann leam bhi nad' chòir-sa
Thar chuantan mór gun seòlainn-sa,
Is bheirinn dhachaidh stòras dhuit,
Is bhitheadh tu gu dòigheil leam
Ri d' bheo, ma tha thu deònach.
Gur tric mi ort a' smaoineachadh
'S ag aisling nuair nach saoil mi e,
An gaol thug mi cha chaochail e,
Do m' chruinneig chaoimh tha bòidheach.
Nis 's aithne dhuit mo dhòighean-sa
Gun chuir mi cùl ri gòraiche,
O thig a ghaoil 's dèan còrdadh rium
'S le deòin gun téid sin còmhla.
Nis sguiridh mi bhith m' sheoladair,
Air tìr 's gun fan mi còmhla riut;
O'n is fhad 's a tha mi eòlach ort,
Bu bhoidheach leam do dhòighean.
Maduinn Di-domhnaich aig 10.30: Sruth na Maoile, le
Máirtín Mac Donncha (Éirinn) agus Màiri-Anna Nic Ualraig (Alba)
RADIO MHANAINN
Prògram dà-chànanach aig Bob Carswell oidhche Dhòmhnaigh bho 6 gu 7, a' gabhail a steach naidheachdan anns a' Ghaelg mu 6.35, air 89.0 MHz air an FM.
GLUAIS
aiseag: bealach báid
àithn: ordaigh
bitheanta: gnáthach
caochail: básaigh
carbad: carr
ciabhag: ciabhóg
còmhla: le chéile
cruinneag: cailín
cuan: fairrge
cunnart: contúirt
dealaich: scar
dealaidh: muirneach
deònach: toilteanach
deuchainn: anró
dhachaidh: abhaile
dìteadh: damnú
ealamh: gasta
eireachdail: dóighiúil
fhathast: go fóill
gaol: grá
gidheadh: mar sin féin
giùlan: iompar
gnàthaich: úsáid
góraiche: amaidí
grad: tobann
iarguin: buaireamh
lùchairt: palás
màileid: mála
maraiche: máirnéalach
rìbhinn: ainnir
seachad: thart
shoirbhich leis: d'éirigh leis
tachair: cas, tarlú
tairisneachd: dílseacht
tàr: éalaigh
teasairg: sábháil
tréibhdhireas: seanadh
tric: minic
uaine: glas
urrainn: féidir
Níl ríomhphost ar fáil