Bha baisteadh phàisdean na gnothach cudthromach dha-rìreabh. Bhite a' creidsinn nach biodh clann a' fàs mura biodh iad air am baisteadh, is bhiodh iad a' toirt droch fhortan do an teaghlach. Bhiodh cuirm air a cumail airson a' bhaistidh is bhiodh cuiridhean gan cur do charaidean is luchd-dàimh. 'S ann aig a' ghoisdidh a bha an dleastanas airson an t-uisge-beatha a chur air dòigh is dhèanadh a' bhana-ghoisdidh an aon rud leis a' bhiadh.
Bhiodh am pàisde air a ghiùlain le athair, le pìos àrain is càise na ghùn-baistidh mar shamhla de dheagh fhortan agus gheibheadh a' chiad duine ris an do choinnich iad air an rathad don eaglais, an t-aran is an càise. Bha pinichean gan toirt don eaglais agus thug an t-athair na pinichean a bha seo do na daoine òga is bhiodh iad ag aisling air cò bhiodh iad a' dol a phòsadh an ath-oidhche. Bhiodh bobhla brochan air a dhèanamh is dh'fheumadh a h-uile duine a bhiodh an làthair balgam beag a ghabhail.
Bhite a' creidsinn ann an Cinn Tìre, nach rachadh pàiste do nèamh no ifrinn, mura biodh e air a bhaisteadh ach dh'fhanadh e air a' chruinne-cè mar shìthiche, a' còmhnaidh ann an cladh is a' sgreuchail gu sìorraidh bràth.Bha cleachdadh ann an Cinn Tìre, far am biodh pàisde air a phasgadh ann an lèine athar, an dèidh a bhreith cuideachd airson a dhìon bho na sìthichean.
Bha sgeulachd ann an Cinn Tìre mu Dheòrsa an Rum. 'S e pàisde Caimbeulach a bh' ann a bhuin do dh'Innean Ghaothach faisg air Maol Chinn Tìre. Chaidh long a mhilleadh aig a' Mhaol, is chaidh na bha air bòrd a ghoid le Caimbeulaich Innean Gaothach. Ghoid Ceit, màthair Dheòrsa, barraille ruma airson fleadh a' bhaistidh. Ach mhair am fleadh a bha seo, latha an dèidh latha. Gach madainn, bhiodh na h-aoighean ag èiridh is an impis tilleadh dachaidh an dèidh bracaist, nuair a theireadh iad, "Gabhaidh sinn tè bheag eile mus fhalbh sinn." Is an uairsin bhiodh iad a' diochuimhneachadh gun robh iad a' dol a dh'falbh.
A rèir coltais cha robh uisge glan san taigh is mar sin dheth chaidh Deòrsa a bhaisteadh leis an ruma.
Dh'èirich mise mochthrathach
A' dol gu Inein Gaoithe,
Cò thachair orm ach Deòrsa an Rum
Agus Dorothy na Maoile.