Cleachdaidhean Pòsaidh

An TairbeartA' chiad rud a bha aig fear na bainnse ri dhèanamh, 's e a bhith a' coinneachadh ri athair a leannan is ag iarraidh cead airson a' gheallaidh-phòsaidh. An dèidh don athair aontachadh ris a' ghealladh-pòsaidh, chaidh oidhche a thaghadh airson cuirm a chumail air an robh an rèite. Bha a h-uile rud co-cheangailte ris a' bhanais air an cur air dòigh aig an rèite. Anns an Tairbeart, Cinn Tìre, tha oidhche na bean-bainnse fhathast air a h-ainmeachadh mar a' chailleachan.

Air latha na bainnse, bhiodh bean na bainnse air a nighe le a màighdean-phòsaidh ann an taigh a pàrantan. Bhiodh an cuirm an dèidh na bainnse air a chumail anns an taigh sin cuideachd. Bhiodh port ga chluiche air a' phìob-mhòir ro gach tachartas anns a' bhanais.

DagaAn uair sin rachadh dagaichean a losgadh nuair a chaidh a' bhean-bainnse seachad. Ann an 1788 bha an cleachdadh cunnartach sin toirmisgte aig bainnsean an dèidh tubaist aig banais mac Iain Latharna Stiùbhairt. Bha dithis air am pàigheadh le Latharna Stiùbhart airson canan a losgadh aig banais a mhic, Donnchadh, ach bha an canan air a losgadh ro thràth is bha làmh chlì Artair Lydan air a sracadh dheth agus chaill Uilleam MacCaluim còig corragan is òrdag is chaidh a dhà ghàirdean a bhristeadh!

 

An dèidh gnothaichean anns an eaglais, rachadh an dà theaghlach gu taigh na bainnse, far am biodh ceòl na pìoba is ceòl na fìdhle ann gus am biodh an dìnneir deas. Rachadh dannsa a chumail an dèidh dinneireach, is bhiodh seo fàilte is furan air a h-uile duine, ach bhiodh aca ri suim beag airgead a phàigheadh "airson an ùrlair". Mhaireadh an dannsa gu briseadh na fàire an ath latha. Bhiodh cleachdadh annl, far am biodh bean na bainnse ga cur do a leabaidh le a cuid caraidean is an aon rud ga dhèanamh airson fear na bainnse leis na caraidean aige fhèin. An uair sin chruinneachadh a h-uile duine timcheall na leapa airson deoch-shlàinte a ghabhail. An ath latha, bhiodh gunnaichean air an losgadh is chaidh pàrtaidh eile a chumail le biadh is dannsa gus an do sgaoileadh na h-aoighean.