Tha an t-òran seo air tighinn às 'Òran Ghaelach' le Dòmhnall Rothach 1848. Chaidh a dhèanamh le boireannach Cinn Tìreach anns an 18mh linn is i a' moladh an fhir-shuirghe aice aig an robh comas tocsaid làn dighe òl! Tha an t-òran seo a' leantainn seann traidisean bàrdachd mholaidh ann an Gàidhlig, a' moladh cho grinn is tapaidh 's a tha an duine aice, le fàileadh ùbhlan air anail fiù 's. Tha àite no dhà ann an Cinn Tìre gan ainmeachadh cuideachd, Losaid, Baile Ghrobain is Ceann Loch fhèin.
Dòmhnall nan Dòmhnall
Thug mi sùil thar a' bhealach thug mi 'n sealladh od bhuam
dh'fheuch a faicinn mo leannan tigh'nn dhan bhaile 's an uair
fhir a dh'òladh an tocsaid 's a chosdadh a luach
's math thig bonaid ghorm dhathte air cùl bachlach nan dual.B' fheàrr gu faicinn a-nuas thu 's do ghruaidh mar an ròs
agus d' anail mar ùbhlan 's do chùl mar an t-òr
do bheul tha dearg tana, 's blas na meal' air do phòig
gura giomanach eal' thu agus lach air an lòn.O 's èibhinn gach àite am biodh pàirt de Chlann Nìll
gura h-uasal gach òigfhear leis an òlte am fìon
air chàirtean ag iomairt gun mhionnan gun strì
gur ann làmh riutha shuidhinn is gu leiginn mo sgìosGura bòidheach, gura bòidheach, gura bòidheach na lòin
gura bòidheach an t-aonach air an sgaoileadh an ceò
gura bòidheach an Losaid 's Baile Ghrobain 'na còir
gura bòidheach Ceann loch far 'm bi mo sheachd rùn ag òl.Dè! nam biodh tu mar shionnach air an tulaich od thall
agus mise mar eala air bhàrraibh nan tonn
Nàile! Rachainn ad choinneamh agus mheallainn thu leam
lùb ùr a' chùil chlannaich, ort tha m' anam an geall.A Dhòmhnaill nan Dòmhnall, sùil mhòdhar ad cheann
Rìgh! Gur math thig dhuit triubhais dhol a shiubhal nam beann
's cha mhios thig dhuit stocaidh, bròg shocair 's i teann
's tric a laigh mi ri d' thaobh, 's ann leam b' aobhach bhith ann.