Cainnt na Sgìre

Nuair a thàinig na Gàidheil an toiseach a dh'Alba, b' e Cinn Tìre cridhe na dùthcha dhaibh. Ach thar nan linntean, ghluais a' chumhachd a bha stèidhichte ann gu sear is gu tuath agus an dèidh Blàr Chuil Lodair a-mach, bhiodh Cinn Tìre air fìor iomall na Gàidhealtachd le buaidh mhòr na Beurla a' tighinn bhon ear agus bho dheas à Ceann Loch, prìomh bhaile Chinn Tìre fhèin. Tha dualchainnt Chinn Tìre air leth coltach ri Gàidhlig Ìle, nach eil ach dusan mìle air falbh thar chuain.

 

Gàidhlig Cinn Tìreach
Gàidhlig nan Eilean Siar
deamar a tha thu? ciamar a tha thu?
gu robh math agad tapadh leat
dhuit dhut
flat sàsar
gheobh gheibh
ceathramh a dhith air cairteal gu
deatach ceò
deas deiseil (ready)
rèidh deiseil (finished)
coimheardnach nàbaidh
ag èireachd ag èirigh
neul, baideal sgoth
An d' èirich thu? An do dh'èirich thu?
trùsair briogais
trusgan deise
maidinn madainn
sròn, sreap(às aonais t eadar s is r) sròn, sreap (le t)
sabhal (air fhuaimneachadh mar seval) sabhal
gruag falt
a-nis 's a-rithist an-dràsta 's a-rithist
asgaill achlais
ballan sine
uirre oirre
sgrog bìd
roth cuibheall
cosail coltach
speur adhar
siubhail caochail, bàsaich
a' drùidheadh a' dùnadh
deifir cabhag
ciabhan feusag
gealbhann àite-teine
geannaire òrd
tòrradh tìodhlacadh
olann clòimh
cha mhand mi a dhèanamh chan urrainn dhomh a dhèanamh
thalla seo! thig an seo!
dreòlan dreathan
biastag boiteag
reult rionnag
ladhar òrdag
a' còmhnaidh a' fuireach
fairge muir
siop bùth
a' mothachadh a' faireachdainn
a' tabhann a' comhartaich