An Gruagach

Caisteal SgibinisAnn an Sgibinis, taobh an ear thuath Cinn Tìre, tha sgeulachd ann a thaobh bòcan ann air an robh an 'gruagach'. Bha i a' fantail air an làr ìseal ann an tùr ann an Caisteal Sgibinis. 'S e boireannach beag a bh' innte le falt fada bàn a chosg dreasa sìoda uaine. Cha robh brògan no stocainnean oirre fiù 's. Nuair nach robh na Caimbeulaich, aig an robh an caisteal, aig baile, chunnacas an Gruagach ag obair anns an taigh, a' cur a h-uile rud air dòigh airson an teaghlach a thilleadh. Nan deach innse dhaibh gus nach deach, bhiodh fios aig luchd-obrach a' chaisteil gu robh na Caimbeulaich a' tighinn air ais, nuair a chuala iad am 'boireannach' uaine ag obair.

A rèir sgeulachd eile, bha na Caimbeulaich a' cumail pàrtaidh aig a' Bhliadhn Ùir, mar a dhèanadh iad gach bliadhna, agus bha am fear a bha seo a' faireachdainn caran bochd, mar sin dheth, chaidh e suas a staidhre airson beagan fois is norrag fhaotainn air tè de na leapannan. Nuair a bha a' phàrtaidh deas, chaidh cuideigin suas airson sùil a thoirt air an duine a bha sin is chaidh a lorg an impis bàsachadh air uachdar na leapa, an dèidh don Ghruagach feuchainn ri a thachdadh. Cha robh fhios aige gun do laigh e air leabaidh bean-taighe a' chaisteil is gum biodh farmad oirre nan rachadh duine sam bith eile ach a' bhean-taighe don t-seòmar aice. Cha do mhair an duine ach latha no dhà eile.

 

Eilean Cara - Eilean a' Bhrùnaidh

Tha Eilean Cara suidhichte mu thrì mìle a dh'fhaid far chost an iar Chinn Tìre, is 's ann le Clann Dòmhnaill na Leargaidh 's a tha e, an t-aon eilean a tha fhathast fo ùghdarras teaghlach Tighearnas nan Eilean.

'S e am Brùnaidh bòcan a bha a' dìon Chloinn Dòmhnaill anns na linntean a dh'fhalbh. A rèir beul-aithris, bha comas aig a' Bhrùnaidh an aimsir atharrachadh airson longan Chloinn Dòmhnaill a chuideachadh is bacadh a chur air an nàimhdean air làithean mòra nan rèisichean mara. Dh'atharraicheadh am Brùnaidh a' ghaoth gus an rachadh an latha le Clann Dòmhnaill.