Làthaichean-Fèille

Bha Latha-Fèille Bhrìghde air a ghleidheadh le cath-choileach ann an Cinn Tìre, mar a thachair air feadh na Gàidhealtachd. Bhiodh na coilich a dhiùlt a ghabhail pàirt anns a' chath air am buaileadh le clachan gus am biodh iad marbh. Bhiodh am maighstir sgoile ann an Ceann Loch a' faighinn nan coileach a chaidh a mharbhadh uile gu lèir dha fhèin cuideachd.

Ceann LochBhiodh Oidhche Shamhna air a chomharrachadh ann an Cinn Tìre le iomadh deas-ghnàth aosmhor, cuid dhuibh a bhiodh a' coimhead air leth neònach anns an latha an-diugh. Bhiodh ubhal air ithe air beulaibh sgàthain ann an solas fann agus nan robh pìos den ubhal air a thairgsinn thar do ghuailne, bhiodh ìomhaigh a' nochdadh anns an sgàthan den neach a bhiodh tu a' pòsadh.

Tha sgeulachd ann à Gleann Lussa, mu chaileag a bha a' feuchainn ris an dà shealladh fhaotainn, le bhith a' cur ghealagan bho uighean chearc ann an gloinne uisge agus a' faotainn a-mach cò ris a bha cruth nan gealagan coltach. Air an Oidhche Shamhna a bha seo, dh'òl a' chaileag an t-uisge leis a' ghealagan is theich i bhon taigh. Aig an doras, chunnaic i saighdear, a thuirt, "Am faca tu Iain?" Ghabh a' chaileag eagal a beatha air sàilleabh 's gun robh fios aice nach robh saighdear a' còmhnaidh ann an Gleann Lussa. Chaidh a caraidean a-mach a dh'fhaicinn carson a bha a' chaileag a sgreuchail, ach cha robh duine ann. An ath bhliadhna, bha a' chaileag aig a' mhargaidh ann an Ceann Loch, chunnaic i buidheann de shaighdearan, is fear dhuibh an duine a chunnaic i a' bhliadhna roimhe. 'S e Iain an t-ainm a bh' air, agus bliadhna an dèidh sin, phòs iad is chaidh iad air ais a chòmhnaidh ann an Gleann Lussa.

Oidhche Shamhna eile, chaidh dithis bhràithrean gu 'Ath nam Beòthachd 's nam Marbh', pàirt de dh'allt far am biodh an giùlan a' dol tarsainn air an t-slighe gu tìodhlacadh . Bhog na bràithrean an leìntean anns an uisge is chuir iad na lèintean sin ri taobh an teine airson faicinn de thachradh nuair a bhiodh iad a' tiormachadh. Thàinig sealladh de dhithis nighean chun an teine, thionndaidh iad na lèintean is dh'fhalbh iad. Mus tàinig an ath oidhche Shamhna, bha na bràithrean air an dithis nighean sin a phòsadh .

Tha an sgeulachd a leanas a' tighinn bho bheul-aithris Taigh an Lòin, Cinn Tìre mu thaibhsean a nochd aon Oidhche Shamhna ann an Eilean Gioghaidh:-

Giogha"O cheann còrr as ceud bliadhna bha faidhir air a gleidheil an Tigh-an-Lòin aig an traigh. Bha a h-uile duine anns a' choimhearsnachd ag tighinn gus an fhaidhir, gus an robh iad a' tighinn le nam bàtan às Giogha. Thachair an sgeul seo nuair a bha iad air an rathad a dh'fhalbh dhachaidh, nuair a bha iad a' gabhail deoch san tigh-change mu'n d' fhàg iad. An dèidh dhaibh falbh chun an tràigh , 'na bha a mhuinntir a bha leòcha anns an tigh-change a' tighinn a-mach, thachair na Gioghaich orra a dol air ais a-steach. Agus thuirt iad ri na Gioghaich: "Shaoil sinn gun robh sibh air falbh dhachaidh." Agus cha do labhair iad idir, agus chaidh a-steach san tigh-change. Agus thachair e aig a' cheart àm gun robh na Gioghaich bàite aig an tràigh agus thachair mar seo: Thog iad na siùil ris a bhàta, agus mun d' fhuair iad an t-acair togte, thàinig gale a steach do'n fhairge, agus leag e am bàta thairis, agus chaidh i fodha, agus chaidh na daoine a bha innte bhàthadh air fad."