Deòrsa mac Iain Deòrsa
(1915-1984)
B' e Deòrsa Mac Iain Deòrsa no George Campbell Hay aon den 'Chòignear Mòra' no na 'Nua-bhàrd', còignear bhàrd Ghàidhlig a choisinn cliù air leth mar na daoine a dh'atharraich bàrdachd anns an t-saoghal Ghàidhealach anns an fhicheadamh linn. Chaidh cruinneachadh de bhàrdachd leis a' chòignear a bha seo fhoillseachadh ann an 1976 (Nua-bhàrdachd Ghàidhlig, 1976) agus bhon uairsin bha misneachd mhòr air a toirt do bhàrdachd na Gàidhlig. Agus mar a chìthear anns na leanas, bha Deòrsa Mac Iain Deòrsa an sàs aig cridhe an ath-bheothachaidh a bha seo agus bhiodh Cinn Tìre, an t-àite dom buin e, na pàirt anabarrach cudthromach na bheatha agus anns an stòras sgrìobhaidh aige cuideachd.
Ged a tha Deòrsa Mac Iain Deòrsa ainmeil anns an latha an-diugh mar ainm a tha co-cheangailte ris an Tairbeart Loch Fìne is duine a bha ainmeil mar 'Bàrd Cinn Tìre', rugadh e ann an Elderslie, Siorramachd Rinn Friù, air an ochdamh latha den Dùbhlachd 1915. Nach iongantach gun deach a bhreith anns an dearbh bhaile a chaidh an laoch ainmeil, a strì às leth neo-eisimeileachd na h-Alba, Uilleam Uallas? Ach 's ann don Tairbeart a bhuin pàrantan Mhic Iain Deòrsa is bha ceanglaichean Ghàidhlig air gach taobh de theaghlach gu diofar ìrean.
Bha athair na mhinistear anns an Eaglais Chlèirich ann an Elderslie is bha e na sgrìobhadair cuideachd. Sgrìobh John MacDougall Hay an nobhail ainmeil 'Gillespie' a bha stèidhichte gu mòr air beatha ann am baile cho coltach ris an Tairbeart gun do ghabh muinntir a' bhaile sin tàmailt dheth gun robh iad air am faicinn mar dhaoine spìocach is amharasach. Bha Gàidhlig aig pàrantan John MacDougall Hay ged nach do thog e fhèin an cànan air a' ghlùin. Bhuin màthair Mhic Iain Deòrsa do dh'Earra Ghaidheal cuideachd is bha Gàidhlig aig a h-athair-se, ministear anns an Eaglais Shaoir a bhuin do dh'Ile. Mar sin, bha teaghlach Mhic Iain Deòrsa gu mòr na theaghlach Gàidhealach ach bhiodh iad fhathast a' còmhnaidh air a' Mhachaire Ghallda gus an do chaochail John MacDougall Hay ann an 1919 nuair nach robh Mac Iain Deòrsa ach ceithir bliadhna a dh'aois.
Chuir an teaghlach Hay a chùl ri baile Elderslie is chaidh iad a chòmhnaidh anns an Tairbeart Loch Fìne, àite far an robh an uiread de Ghàidheil a' sìor dhol an lughad ach far an robh cailleachan is bodaich aig an robh Gàidhlig fhathast ri fhaotainn an siud 's an seo. 'S e tachartas air leth cudthromach ann am beatha Mhic Iain Deòrsa a bhiodh ann an seo, mar a bhite an dùil agus bhiodh aig an teaghlach ri gluasad gu coimhearsnachd ùr is beatha ùr ann an Earra Ghaidheal. Ged a bha ceanglaichean Gàidhealach aig Mac Iain Deòrsa, tha e doirbh a chreidsinn gum biodh an uiread de dh'ùidh aige ann an Gàidhlig nam fanadh an teaghlach air a' Ghalldachd agus is coltach nach togadh am bàrd cànan a shinnsirean idir.
Bho 'Bhliadhna a' Phrionnsa' a-mach bha Gàidhlig air a bleith ann an Cinn Tìre le brà na Beurla air gach taobh is bha cuid de dh'àiteachan nas Gallda nan cainnt na càch. Nuair a chaidh an teaghlach Hay a dh'fhuireach anns an Tairbeart, cha mhòr nach robh bàs fada slaodach na Gàidhlig a' tighinn gu buil anns an sgìre sin. Bha an Tairbeart na bhaile Gàidhealach bho thùs, shuas gu meadhan na naoidheamh linn deug, nan tigeadh teaghlach Gallda a-steach a chòmhnaidh anns a' bhaile, bhiodh acasan ri a' Gàidhlig a thogail. Ach bhon àm sin bha Gàidhlig air a cuairteachadh air gach taobh leis a' Bheurla, bhon bhaile Ghallda mu dheas, Ceann Loch Cille Chiarain agus bhon mhuir, leis an uiread de sheòladairean is luchd-turais à Glaschu a bha a' tadhail is cuideachd a' fuireach anns a' bhaile an dèidh fhosgladh Canàl a' Chrìonan. Mar sin, b' e sin am baile far an deach Mac Iain Deòrsa a thogail, baile far an robh Gàidhlig aig a' ghinealach a bu shine is far an robh na seann daoine ud a' bàsachadh is an dualchas a' falbh cuide riutha.
Ach bha Deòrsa Mac Iain Deòrsa ann an suidheachadh sònraichte. Gu ìre, 's e daoine bhon taobh a-muigh a bh' ann (is a bhitheadh ann gu bràth) a-rèir nan co-aoisean aige anns a' bhaile, is cha bhiodh Cinn Tìre idir a' coimhead mar rud àbhaisteach dhàsan fad a bheatha is bhiodh e daonnan na iongnadh dha. Bha e cuideachd nas cofhurtail am measg bodaich a' bhaile na bha e a-riamh leis na balaich eile a bha mun cuairt. 'S iomadh latha na òige a bhiodh e na shuidhe am measg nam bodach, gan cluinntinn a' cracaireachd anns a' Ghàidhlig. Bhon uairsin ghabh e ùidh ann an Gàidhlig is iasgach an sgadain cuideachd agus an dà rud sin fhathast a' dol còmhla, aig an àm ud, anns an Tairbeart. Bha dithis pheathraichean a sheanar a' còmhnaidh an ath-dhoras is bha iadsan air leth deònach an stòras de fhaclan Gàidhlig a bh' aca nan ceann a thoirt do Dheòrsa.
Aig deich bliadhna a dh'aois, chaidh Deòrsa a chur gu Dùn Eideann, do Cholaiste Iain MhicBhatair an toiseach agus an uairsin do Cholaiste Fettes. Ach cha robh e toilichte idir a bhith a' fàgail Cinn Tìre, is bhiodh cianalas air fad an t-siubhail a bha e anns an sgoil agus an dèidh sin nuair a fhuair e sgoilearachd airson a dhol gu Oilthigh Oxford far an d'fhuair e ceum le urram den cheathramh ìre ann an 1938.
Bho fhìor thoiseach bàrdachd Mhic Iain Deòrsa, chìthear an ceangal dlùth a bh' aige eadar e fhèin agus Cinn Tìre, agus mhair an ceangal seo gu deireadh a bheatha. Chaidh aon de na ciad tùsan sgrìobhte a th' againn de bhàrdachd Mhic Iain Deòrsa a thòiseachadh nuair a bha e dìreach dusan bliadhna a dh'aois is na oileanach aig Colaiste Fettes ann an Dùn Eideann. 'S e fìor dheagh eisimpleir a th' ann air na sruthadh a-mach à peann Mhic Iain Deòrsa a thaobh àite a mhiann anns na bliadhnaichean a leanadh.
"Soraidh slàn le Cinn Tìre
's e Loch Fìne mo ghràidh;
ceud soraidh leis na cuantan
mo cheòl cluais' iad gach là;
slàn om chridhe leis an Tairbeirt
is le garbh thìr an àigh."bho Soraidh Slàn le Cinn Tìre
Anns an dàn 'An Gleannan' a chaidh a sgrìobhadh ann an 1936 nuair a bha e fhathast aig foghlam ann an Oxford, chìthear an cianalas a bh' aige, ag ionndrainn àite a ghaoil, is a ghuth romansach a bh' aige ged a chuir e an cèill gur ann an aghaidh bàrdachd romansach na Gàidhlig a bha e. 'S e seo fianais gu math tràth a' sealltainn na bòidhchead is faireachaidhean a chleachd e nuair a sgrìobh e mu Chinn Tìre, 'Creathal nan Gàidheal'.Uain' a bharrach 's a riasg ròmach,
cluain nam fiadh - còrr nam fàrdach;
glasanach ciar binn an crònan
bruidhinn am beòil 's a' ghrian air fàire.bho An Gleannan
Anns an dàn 'Luinneag', a chaidh a sgrìobhadh mun aon àm a chaidh 'An Gleannan' a sgrìobhadh, tha am bàrd a' smaoineachadh air a' ghaoith a chum e na dhùisg fad na h-oidhche is a' tighinn gu an co-dhùnadh gur e an aon ghaoth a th' ann 's a rachadh ceudan de mhìltean gu tuath a bhith a' sèideadh air Loch Fìne. 'S ann mar gu bheil e fhèin a' siubhal leis ' ghaoith air feadh nan àiteachan air a bheil a ghaol is chan eil fearg air idir gun deach a chumail na dhùisg leatha. Tha e ag ainmeachadh nan diofar àiteachan air an robh iasgairean an sgadain eòlach mar chomharraidhean-stiùiridh is gan cleachdadh mar chomharra-stiùiridh na h-inntinn aige fhèin.
B' e gairbhe na gaoithe
chum an-raoir mi nam chaithris.Gaoth à deas air Loch Fìne,
'teachd gu fìochar le tartar.Na tuinn chaoirgheal mun Gharbhail,
neart na fairge 's a faram.Is ann an-raoir a bha 'n nuallan
na mo chluasan 's mi 'n Sasainn.Gun tig fuaim an Uillt Bheith
eadar mise 's mo chadal.Bho Luinneag
Cha do chuir e suim anns an fhoghlam a fhuair e ann an Dùn Eideann is gu h-àraidh ann an Oxford. Ann an cuid de na dàin aige, chìthear gun robh e den bheachd gun d'fhuair e fhìor fhoghlam air slèibhtean Chinn Tìre na aonar is chan ann am measg a cho-aoisean ag ionnsachadh na Greugais is a leithid ann an Oxford. 'S ann bho na beanntan is bhon fhraoch a fhuair e oilean ceart is chan ann bho na h-àrd-ollamhan ann an clas ann an Sasainn.Gach cainnt is gach cultar
a chunnaic 's nach fhaca,
aiste is nobhail,
sonaid is saga,
ceòl stàtail na Gearmailt
is na dealbhan dathte
is cumhachdaiche 'm monadh.
Is motha e agam.Bho M' Oilein is M' Altram
Ged a fhuair e ainm mar 'Bàrd Chinn Tìre', 's ann air nàiseantachd a sgrìobh e a' chuid a bu mhotha de bhàrdachd is bidh e air a chuimhneachadh mar sàr-nàiseantach na h-Alba. Nuair a bha e ann an Oxford, ghabh Mac Iain Deòrsa ùidh ann am poileataics nàiseantach agus an dèidh dha tilleadh a Dhùn Eideann, chaidh e an sàs as leth cor nàiseantaich na h-Alba is bha e na phàirt de bhuidheann de luchd-acadaimeagach a bha an sàs ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
'S e àm a bha seo, aig deireadh na deich thar fhicheadan, far an robh an suidheachadh poilitigeach a' dol troimh-chèile ann an Alba, mar a bha anns gach ceàrn den t-saoghal. Tha e soilleir fhaicinn gu dè an taobh a ghabh e a thaobh poileataics nuair a thèid sùil a thoirt air na h-òrain phoilitigeach aige agus chìthear cho follaiseach 's a bha e na dhòigh 's gur e nàiseantach mòr a bh' ann. Bha e fhèin den bheachd gur e dleastanas a bh' ann dha a bhith na bhàrd nàiseantach agus a bhith a' sgaoileadh a chuid bhàrdachd tro mheadhan na Gàidhlig is gu dearbh, thuirt e fhèin "nach robh bàrd Gàidhealach riamh nach robh na Nàiseantach."
Bha Mac Iain Deòrsa airson Alba a bhrosnachadh is mar a chunnaic esan 's e nàmhaid a bh' ann an Sasainn. Ach nam bheachd fhèin, 's ann leis a' bheachd seo a chìthear aon de na laigsean a bha aig a' bhàrd.
Cuiridh sinn brang air na Sasannaich,
sparraidh sinn glas air am beulaibh,
cuiridh sinn brang air na Sasannaich,
brang air na Sasannaich, glas air am beulaibh.Bho Brang air na Sasannaich
Bha esan ag iarraidh Alba a bha saor is neo-eisimeil bho Bhreatainn gu dearbh, ach bha e cuideachd ag iarraidh Alba a bha a' leantainn traidisean a bha aosmhor is chanainn Alba a bha coltach ri Cinn Tìre anns gach dòigh. Ach dh'fhaoidte nach gabhadh Alba slighe neo-eisimeileach gun a bhith a' fàs na bu coltaiche ri Sasainn na dòighean is cha ghabhadh Mac Iain Deòrsa ris a' bheachd sin idir. Chanainn nach eil e fallainn a bhith daonnan a' cur coire air dùthaich eile airson laigsean do dhùthcha fhèin.'Illean, on a chaill sinn deagh chleachdainn ar n-athair,
chaidh a h-uile rud tarsainn nar dùthaich bhig fhèin oirnn.Bho Brang air na Sasannaich
'S ann air sgàth nàiseantachd a sheas Mac Iain Deòrsa an aghaidh toil an riaghaltais is gun a bhith a' dol chun airm mar bu chòir. Chuir esan an cèill nach robh e airson sabaid as leth crùn Bhreatainn ach airson Alba a-mhàin agus mar sin bha aige ri teicheadh bho an CID a bha airson greim a chuir air. Cha robh Mac Iain Deòrsa na aonar leis a' bheachd seo. Bha buidheann de Nàiseantaich ann, nam measg, Douglas Young is Iain MacEacharna, a bha a' diùltadh pàirt a ghabhail anns a' chogadh. Mu dheireadh, chuir am poileas greim air Mac Iain Deòrsa anns an Arar, Loch Long, an dèidh dha mìosan a chuir seachad ann am beanntan Earra Ghaidheal.Chaidh a chur don phrìosan airson treis ach an uairsin ghèill e is dh'aontaich e gun rachadh e don arm is 's ann anns an ùine a chaith e san arm a chìthear taobh eile de bhàrdachd Mhic Iain Deòrsa a' tighinn am follais, is 's e sin a bhàrdachd chogaidh.
Anns an t-Samhain 1942, chaidh Mac Iain Deòrsa a dh'Afraga mu Thuath a bhith na phàirt den iomairt airson cur às do na Gearmailtich anns a' phàirt sin den chogadh. Anns a' Mhàirt 1943, bha am baile Bisearta ann an teis-meadhan a' chogaidh. A-rèir cuid, 's e an dàn a rinn Mac Iain Deòrsa air a' bhlàr seo aon de na dàin as cumhachdaich a chaidh a dhèanamh air an Dara Chogadh is dh'fhaoidte gur e seo an dàn a b' fheàrr a sgrìobh Mac Iain Deòrsa a-riamh. Bha e daonnan measail air an t-seann rannaigheachd ann an Gàidhlig chlasaigeach na chuid sgrìobhaidh, ach tha an dàn sin stèidhichte air rannaigheachd Eadailteach is a' toirt iomradh air na teintean ann am Bisearta mar bheathach beò fiadhaich. 'S dòcha nach do ràinig dàin eile leis-san faisg air a' chumhachd is an fhaireachdainn a tha anns an dàn seo.
Sgrìobh Mac Iain Deòrsa iomadh dàn air cogadh is tha e inntinneach a bhith a' toirt sùil aithghearr air mar a thàinig atharrachadh air a bheachdan a thaobh cogadh. Ron an Dara Chogadh, bha e airson an saighdear Gàidhealach a chleachdadh mar ìomhaigh den laoch a bha e ag iarraidh moladh. Mar a b' fhaide a chaidh an cogadh, 's ann nas searbh a dh'fhàs e air a' gnothach is a' càineadh a' chogaidh. Ann an dàin mar 'An t-Oigear a' Bruidhinn on Uir' chìthear co-fhaireachdainn eadar saighdearan bhon dà thaobh. Dh'atharraich e a bheachd bhon a bhith a' moladh an laoich gus a bhith a' dèanamh sgrùdadh air cor nan daoine àbhaisteach a bha an sàs anns a' chogadh.
Airson ceangal a dhèanamh eadar a bhàrdachd chogaidh is a bhàrdachd a thaobh Cinn Tìre, chìthear anns an dàn 'An Lagan', a chaidh a sgrìobhadh aig deireadh an Dara Chogaidh, gu bheil am bàrd a' bruidhinn air an inntinn aige fhèin is ciamar a chaidh a h-atharrachadh anns a' chogadh is a' cleachdadh lagan uaine ann an Cinn Tìre mar àite ciùin is sàmhach far an rachadh e na inntinn nuair a bha feum aige air. Nuair a bha na gunnaichean a' losgadh air gach taobh dheth, bha a-riamh àite ann an Cinn Tìre nach robh fad air falbh bhuaithe.
Chan eil gaoir no gul san lagan,
chan eil falachd ann no foill;
sgiath dhomhs' e roimh gach dochar,
nach leig olc nam thaic a-chaoidh.
Bho An LaganAnn an 'Tlachd is Misneach', chìthear an aon rud a-rithist, lagan ann an Cinn Tìre na inntinn. Chaidh an dàn seo a sgrìobhadh beagan an dèidh dha tilleadh bhon a' Ghrèig ann an 1946, ach gu ìre 's e dàn cogaidh a th' ann. Tha e air cur an cèill a-rithist gu robh àite a-riamh ann far a dh'fhaodadh e a dhol nuair a bha an cianalas air is esan ann an dùthaich chèin, is fad às bho Chinn Tìre a ghràidh.
Gaoth, frasan, sliabh is tuinn mo locha,
Bha sin riamh 'na fhuaran sonais
's 'na eibhleig mhisnich dhomh air choimhich;
bha, is bidh 's mo chuairt a-bhos domh.Bho Tlachd is Misneach
Mar sin, a thaobh bàrdachd Mhic Iain Deòrsa, dh'fhaodamaid na dàin aige a chur ann an trì diofar roinnean mòra, is iad sin; bàrdachd nàiseantach mu dheidhinn cor na h-Alba; bàrdachd chogaidh; is bàrdachd a thaobh Cinn Tìre. Ach le sin a ràdh, cha tèid gach dàn dìreach cho sgiobalta ri sin fo na tiotalan a chaidh ainmeachadh agus gu dearbh, dh'fhaodadh cuid de na dàin a dhol fo dhà no trì de na cinn sin.
An dèidh a' chogaidh, chuireadh am bàrd a' mhòr-chuid de a bheatha seachad ann an Dùn Eideann, bhiodh e ann an ospadalan airson ùine mhòr. Dh'fhàsadh Mac Iain Deòrsa na bu truime air an deoch mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, shuas gu toiseach na 1980an nuair a thàinig e gu an co-dhùnadh airson tilleadh a Chinn Tìre airson fuireach ann. Tron ùine a chuir e seachad air a' Ghalldachd, cha do dh'fhag 'an Lagan' sin ann an Cinn Tìre an inntinn aige. 'S e àite a bh' ann far am faodadh e a' dol anns a' cheann fhèin is na chuid bàrdachd.
Anns an dàn 'Cinn Tìre', tha am bàrd ag ainmeachadh nam beanntan is coilltean air an robh e mion-eòlach, is a' peantadh dealbh de na daoine a bha an sàs ann an eachdraidh Cinn Tìre. Chaidh na h-ainmean seo a chleachdadh gus a bhith a' sealltainn a' cheangail is an dàimh eadar daoine is an àrainneachd a tha air a bhith ann bhon a thàinig na Gàidheil gu Cinn Tìre ann an linn Dhàil Riata. Airson duine a chuir cuideam air a bheachd nach robh ùidh aige ann an bàrdachd romansach, tha an dàn seo a' dol calg-dhìreach an aghaidh sin, far a bheil e a' bruidhinn ri Cinn Tìre mar gur e nighean òg bhòidheach a tha anns an àite.
Leannan mo shùgraidh is mo shuirghe,
fearann mo rùin, crò nan sliabh,
Leug is àilleagan gach tìre,
seunadh ort is sìth o Dhia.Bho Cinntìre
Chìthear anns an dàn 'Air Suidh' Artair Dhomh Mochthrath' nach robh strì ann an inntinn Mhic Iain Deòrsa eadar a' Ghaidhealtachd is a' Ghalldachd mar a chìthear ann an cuid de na bàrdachd a chaidh a sgrìobhadh leis na 'Nua-bhàird' eile, gu h-àraidh anns na sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn is Ruairidh MacThòmais. Chìthear gu bheil cianalas aige airson nan àiteachan ann an Cinntìre a chaidh ainmeachadh anns an dàn ach, na bheachd fhèin, tha uillt Labhdaidh is cnocan Fhìobha a' cheart cho bòidheach nan dòigh fhèin. Tha na h-àiteachan seo ann an taobh an ear na h-Alba gan cleachdadh mar shamhla a tha riochdachadh bòidhchead Chinn Tìre.Chan eil saoi gun a sheis' ann,
ged thug thu treis mud thìr allail.
Seall an earadheas bhuatsa,
agus tuairmsich a' gabhail,
far a bheil Garbhallt an Loudaidh,
's am monadh lom ann ga altram.
Faic Sliabh Allair 's e riabhach,
's a bhràithrean ciara gun ghainne.Bho Air Suidh' Artair Dhomh Mochthrath
Chan fhaca Mac Iain Deòrsa a-riamh strì eadar na diofar pàirtean seo de dh'Alba, mar a chìthear cuideachd anns an dàn nàiseantach, 'Ceithir Gaothan na h-Albann', òran nàiseantach a rinn e. Ge b' e dè cho fad às 's a bha e bho Chinn Tìre, bha an t-àite daonnan dlùth ris na inntinn is na chridhe. Dh'fhaoidte air tàillibh 's nach robh e na fhìor phàirt de choimhearsnachd an Tairbeirt, daonnan bhon taobh a-muigh a' coimhead a-steach, bha ceangal làidir na cheann ri ìomhaigh àrainneachd Chinn Tìre is chan ann ri muinntir an àite.Bha Mac Iain Deòrsa daonnan ri moladh, ge b' e Cinn Tìre, no iasgairean an sgadain no a' Ghàidhlig a bh' ann. Cha robh e a-riamh airson call a' chànain a chaoineadh ach daonnan airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh. 'S iongantach gu robh e ag iarraidh a bhith a' brosnachadh dhaoine ged a bha an staid inntinn aige fhèin a' fulang gu mòr, bho dheireadh a' chogaidh, nuair a chaidh a leòn, shuas gu deireadh a beatha. Chaith e iomadh bliadhna ann an ospadalan slàinte-inntinn, ann an Dùn Eideann is Ceann Loch Gilb.
Anns an aon dòigh a bha Mac Iain Deòrsa airson cor nan Nàiseantach a mholadh do dhaoine, bha e cuideachd airson 's gun rachadh daoine a-mach don dùthaich, shuas do na beanntan air an robh e fhèin cho measail. 'S e dàn eadar dà leann a tha ann an 'Dleasnas nan Airdean', dàn a thaobh Chinn Tìre gu dearbh ach a tha cuideachd ag iarraidh air a' chogais nàiseantach a tha ann an ceann gach Albannach a bhith a' dol suas do na monaidhean is a' faicinn àrainneachd mhaiseach na h-Alba.
A òigridh mo dhùthcha,
an e ciùine nan rèidhlean,
fois is clos nan gleann ìosal,
air an dìon on gharbh shèideadh?
Biodh bhur ceum air a' mhullach,
is bhur n-uchd ris na speuran,
dhuibh sracghaoth nam bidean,
mun tig sgrios 'na bheum slèibh' oirnn.Bho Dleasnas nan Airdean
An coimeas ris na 'Nua-bhàird' eile, a bha airson sgaradh a dhèanamh eadar an cuid bàrdachd is na h-òrain romansach Ghàidhlig bhon naoidheamh linn deug is toiseach na ficheadamh linn, bha Mac Iain Deòrsa den aon bheachd. Ach chum esan na bu dlùithe ri cruth òrain, ach dh'atharraich e coltas an rud le a bhith a' seachnadh na rannaigheachd a bhith ri fhaotainn tric aig an àm ud ann an òrain Ghàidhlig, le a bhith a' cleachdadh rannaigheachd bho dhiofar tùsan. Ach cha do ghabh esan a-riamh ri cruth bàrdachd na Beurla, mar a rinn na 'Nua-bhàird' eile. Agus gu tric, chleachd e rannaigheachd òrain na Gàidhlig anns a' bhàrdachd a sgrìobh e anns a' Bheurla.
Thathar a' faicinn gu dè cho mòr 's a bha gaol aig Mac Iain Deòrsa air Cinn Tìre anns an dòigh a chaidh e air ais don Tairbeart airson fuireach ann, ann an 1983, aig 68 bliadhna a dh'aois, is a shlàint a' fulang an dà chuid bho a thinneas inntinn agus cho trom 's a bha air an deoch làidir. Chan eil fhios gu dè bha e a' lorg anns an Tairbeart aig an àm ud, àite far nach robh teaghlach air fhàgail dha, far nach robh na seann iasgairean air an robh e cho eòlach, agus far an robh a' Ghàidhlig a-nis marbh. An dèidh treis ag òl anns na taighean-òsda, thill e a Dhùn Eideann is chuir e a chùl ri Cinn Tìre airson an turais mu dheireadh.
Airson duine a bha na aonaranach na òige, ann an cogadh agus fad còrr de a bheatha, 's math dh'fhaoidte nach iongantach gun do chaochail Deòrsa Mac Iain Deòrsa na aonar anns a' flat aige ann a Dùn Eideann anns a' Mhàrt 1984. 'S e duine a bh' ann a bha daonnan nas cofhurtail am measg nan caraidean aige ach cha b' e daoine bh' annta, b' iad sin cnuic is doireachan Earra Ghàidheal.
Chan urrainnear coimeas sìmplidh a dhèanamh eadar a' bhàrdachd a rinn e air Cinn Tìre is a' bhàrdachd air nàiseantachd is air cogadh. Bha Cinn Tìre na smior ann an cnàmhan Mhic Iain Deòrsa, bha a h-uile rud a rinn e ceangailte ris an àite. Nuair a sgrìobh e air Alba, bha e a' toirt iomradh air Cinn Tìre. Nuair a bha e an sàs anns a' chogadh, rachadh e a Chinn Tìre na inntinn.
Bha Cinn Tìre daonnan na phrìomh cuspair ann am bàrdachd Mhic Iain Deòrsa bhon a' chiad turas a chur e a pheann ri pàipeir. Ann an dàn nach eil ach rann a dh'fhaid, aon de na dàn mu dheireadh a sgrìobh e, chìthear gun robh Cinn Tìre fhathast na chridhe ged a chaith e a' chuid as motha de a bheatha air a' Mhachair Ghallda, taobh a-staigh is taobh a-muigh ospadalan.
Fonn ciùil bu bhinne dùrd a' Ghlinne,
e duint' an grinneas chraobh;
duilleach 's feur is guth nan eun,
là buidhe grèine caomh.Dùrd a' Ghlinne