Aon là, bha dà fhear, Teàrlach MacDhonnachaidh agus Niall MacPhàtair, a' coiseachd trasd a' mhonadh eadar Tigh-an-Lòin is Gleann Charadail an Cinntìre. Bha iad a' dol a dh'fhaicinn duine àraidh a bha a' fuireach ann an Caradail mu thimcheall airgead airson uisge-beatha a rinn iad fhèin. Aig an àm sin bha mòran dhaoine anns an àite sin a' dèanamh uisge-beatha nach robh laghail. Bha iad a' dol a roinn an airgead eadarru, ach bha MacDhonnachaidh glè shanntach agus a dhìth e fhèin gu buileach.
Bha MacPhàtair beagan faoin, agus MacDhonnachaidh a' smuainteachadh cia mar a gheibheadh e an t-airgead dha fhèin air fad. Aig a' cheart uair thòisich smeòrach a' seinn agus thuirt MacDhonnachaidh, "Èisdibh, Niall, ri ceilearadh na smeòraich; bheil fhios agad dè tha i ag ràdh?"
"Chan eil," arsa MacPhàtair, "bheil fhios agadsa?"
"Gu beachda," arsa MacDhonnachaidh, "tha i ag ràdh:
Cò a sud a' teàrnadh?
Tha MacDhonnchaidh 's MacPhàtair.
Càite ruigeas iad? Càite ruigeas iad?
A dh'iarraidh airgead, a dh'iarraidh airgead.
Am faod e, am faod e?
Diabhal a pheighinn, diabhal a pheighinn.
Gheibh MacDhonnachaidh e, ach chan fhaigh MacPhàtair."
Nuair a chuala MacPhàtair sin thill e dhachaidh agus fhuair MacDhonnchaidh an t-airgead ga fhèin.