Taighean-tughaidh ann an Cinn Tìre
Anns an leabhar The Thatched Houses of the Old Highlands le Colin Sinclair chithear gu robh trì prìomh sheòrsaichean de thaighean-tughaidh cumanta air a' Ghàidhealtachd, is iad sin; Taighean-Tughaidh nan Eilean Siar; Taighean-tughaidh an Eilean Sgitheanaich; is Taighean-Tughaidh Dàil Riadach. B' iad na taighean-tughaidh Dàil Riadach a chìte mar a bu trice ann an Cinn Tìre is Earra Ghàidheal air fad suas gu deireadh na naoidheamh linn deug. Tha ceangal eadar na taighean seo is na taighean-tughaidh ann an Eilean Mhanainn, Ùlaidh is Machaire na h-Alba cuideachd.
Bha na taighean seo diofraichte bho na seòrsaichean eile anns an dòigh 's a dh'èiricheadh na ballachan deiridh gu ruige mullach an taighe gus stuadh no tullachan a dhèanamh. Ach coltach ris na taighean Sgitheanach, bhiodh an deireadh an tughaidh a' crochadh far oir na ballachan aghaidh is deiridh airson stìm-tughaidh a dhèanamh.
Anns na taighean Dàil Riadach as sine, cha robh an stuadh ga chleachdadh airson teine is similear mar a bhiodh a' chùis air Machair na h-Alba oir bhiodh gealbhann no àite-teine suidhichte ann am meadhan an làir anns a' chidsin.