Uisge Beatha
Ged a bha tarraing no grùdaireach uisge-beatha mì-laghail ach ann an taighean-staile anns an ochdamh is an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas ghrùdairean ann an Cinn Tìre an dà chuid laghail is mì-laghail.
Chan fhaodadh daoine ann an Ceann Loch grùdaireachd a dhèanamh air sgàth nam fear-cusbainn a bha a' fuireach anns a' bhaile fhèin. Mar sin 's e Gàidheil a bha anns a' mhòr chuid de ghrùdairean mì-laghail, na daoine a bha a' còmhnaidh taobh a-muigh a' bhaile.
Ann an aithisg an riaghaltais mu thaighean-staile ann an Alba ann an 1799, bhathar ag ràdh gun robh na h-uachdaranan ann an Cinn Tìre a' brosnachadh grùdaireach mì-laghail air sgàth 's gum biodh an tuath a' pàigheadh am màil an uair sin.
Tha iomadh làrach ann a tha co-cheangailte ri uisge-beatha mì-laghail ann an Cinn Tìre agus tha an t-uabhas sgeulachdan sa sgìre mu dheidhinn. Aig Camus na Ban-tighearna faisg air An Tairbeart, b' àbhaist chraobh-uinnseann a bhith ann, air an robh Crann Nic 'Ille Dhuibh, air a h-ainmeachadh air boireannach às an Tairbeart, a ghiùlain crogannan uisge-beatha fo a sgiorta don chraoibh a bha sin. Agus làimh ris a' chraoibh, bhiodh i a' creic uisge-beatha do na h-iasgairean a nochdadh ann an Loch Tairbeart.