Eachdraidh Ghàidhealach Chinn Tìre

Ceann mu Dheas'S math dh'fhaoidte nach eil Cinn Tìre cho Gàidhealach 's a bha e o chionn iomadh linn ach chithear fhathast buaidh nan Gàidheal air an àite anns an latha an-diugh agus feumar cuimhneachadh gur ann an seo a thàinig na ciad Ghàidheil an toiseach gu àite nach eil ach trì mìle deug thar Sruth na Maoile bho chost a tuath na h-Eireann, beagan bhliadhnaichean an dèidh Chrìosda. Chìthear cost Aontraim bho Cheann a Dheas ach air na làithean as stoirmeil agus bhathas ag ràdh san naoidheamh linn deug gum faicear an ceò a' dòrtadh bho na trèanaichean-smùide air làithean buidhe an rathaid-iarainn.

'S ann chun an àite seo a thàinig na Gàidheil no na Scotti, mar a chanadh na Ròmanaich riutha, an toiseach, airson ainm, cànan, dualchas agus creideamh a thoirt do dh'Alba. 'S dòcha nach cluinnear Gàidhlig ann an Cinn Tìre an-diugh ach 's e drochaid a tha anns an àite seo, drochaid cultarach eadar Alba is Èirinn agus mar sin dheth tha e fhathast cho Gàidhealach na chridhe 's a bha e. Tha na ceanglaichean Gàidhealach air a bhith ann an Cinn Tìre airson iomadach bhliadhna agus thathas fhathast ag ràdh gu bheil muinntir Chinn Tìre an treas pàirt Gàidhealach, an treas pàirt Galldachd is an treas pàirt Eirinneach.

Bhon a thàinig buidheann de luchd-tuineachaidh Galldachd a dh'fhuireach aig Ceann Loch Cille Chiarain aig toiseach na seachdamh linn deug, bha a' Ghàidhlig air a bagradh, an toiseach bhon a' Bheurla Ghallda agus an uairsin bhon a' Bheurla fhèin. Ach ma tha sùil ga toirt air na linntean ron a sin, chìthear gur e àite ann an cridhe na Gàidhealtachd a bh' ann an Cinn Tìre.

Ceumannan Cchaluim ChilleAnn an Ceann mu Dheas, chìthear fhathast a' mhias-bhaistidh far an tug Colum Cille seachad a chiad shearmon ann an Alba agus tha làrach a chiad chille ri faicinn cuideachd. 'S e fear de na daoine a b' ainmeile ann an eachdraidh na h-Alba a bh' ann an Colum Cille agus tha an eachdraidh aigesan ceangailte gu dlùth ri eachdraidh Chinn Tìre ann an iomadach dhòigh.

 

Loch Tairbeart an IarTha sgeulachd ann bho linn nan Lochlannach ag innse mar a chaidh Cinn Tìre fo smachd Lochlannach an dèidh 500 bliadhna mar chridhe rìoghachd Dhàil Riata. Fhuair Manus nan Casan-rùisgte, an rìgh Lochlannach, cead bho Mhaol Chalum Ceann Mòr, rìgh na h-Alba, airson a h-uile eilean fhaotainn dha fhèin air am b' urrainn dha seòladh timcheall. Dh'innis Magnus do a sheòladairean, craobhan àrda a leigeil agus chleachd Magnus na craobhan mar roillearan fo a bhàta agus shlaod iad a bhàta tarsaing na h-aoidh cumhaing, trì mìle a dh'fhaid, eadar Loch Tairbeart an Iar is Loch Fìne, a tha a' ceangal Cinn Tìre ri tìr-mòr na h-Alba. Mar sin dheth, a-rèir Mhanuis, 's e eilean a bha ann an Cinn Tìre agus chuir e e ris na h-eileanan eile a bh' aige ann an Innse Gall.

"…..the king sat on the after-deck and held the helm…...And he took possession of the land that lay to the larboard. Kintyre is a great land, and better than the best in the Hebrides, excepting Man. A narrow isthmus is between it and the mainland of Scotland; there, the longships are often drawn across."
Orkneyinga Saga

Caisteal Shaghadail'S e Somhairle mac Gille Brìghde, sinnsear Chlann Dhòmhnaill, a thog an abaid aig Saghadal, taobh an ear Chinn Tìre, mu choinneamh bheanntan Arainn, agus an dèidh Eilean I, cha robh àite cho naomhaichte anns an t-saoghal Ghàidhealach rithe aig an àm. Tha làrach na h-abaid fhathast ri faicinn ann an coille brèagha ann an Gleann Shaghadal.

 

"To this day an extraordinary reverence is felt by the country folk (i.e. na Gàidheil) for this venerable spot. Indeed, next to Iona, no ecclesiastical seat in the West Highlands stood higher in dignity or enjoyed a greater reputation for sanctity than Saddell."

Archaeological Sketches in Kintyre - Captain T.P. White 1873