Dà Òran le Allan Mac an t-Saoir

Chaidh an dà òran seo a sgrìobhadh le fear Allan Mac an t-Saoir a bha na gheamaire anns a' Bhàrr, Cinn Tìre, aig toiseach na naoidheamh linn deug. A rèir beul-aithris, b' esan am fear a mharbh am madadh-ruadh mu dheireadh ann an Cinn Tìre. Anns a' chiad òran tha dithis a' freagairt a chèile air cho math no cho seann 's a tha seann chapall. Anns an dàrna òran a tha air leth intineach, chithear mar a tha am bàrd a' beachdachadh air innealan ùra an latha, mar bàtaichean-smùid, balùnaichean, is solais gas.

Òran do Sheann chapall

(a bha aig fear a' reic bhòlaichean mar gum biodh iad a' freagairt a chèile; am bàrd 'g a dì-moladh agus am fear leis am bu leis i 'g a moladh.)

"An Capull crom bha 'n Druimnaleachduinn
'S iomadh sneachd chaidh thar a dròll,
Ged tha i an diugh aig Deòrsa
Le bòlaichean feadh na'm poll.

Thoir thairis dith, hìl u o
Cha mharcaich i, hì il ò
Cha ghalop i, hìl u o
'S tha chloimh oirre hù il o.

'S tric thug mise leatha a Ghlascho
Mo chuid bathair air a dròll,
'S iomadh gini chuir i 'm phòca,
'S prothaideach dhomhsa 'n làir dhonn.

'S i mharcaicheas, hìl u o
'S i ghallopas, hù il o
'S i chantaras, hìl u o
'S i 'n fhalar i, hù il o.

"Cia mar 's urra dhuit a moladh,
'S tu ga loithreadh feadh na'm poll?
'S fhada 'Seibhlean o a h-aisne,
Amhach fhada, 's cluasan crom.

Tha taod rithe hìl u o
Gun fhaochadh air hù il o
Gun saoileamaid hìl u o
Gu slaodadh tu dhith an t-sròn."

 

Òran mu innleachdan dhaoine

(anns a' cheart àm a tha aguinn de'n t-saoghal)

Chaidh an duine a dheanamh iomlan, gun ghniomh, gun bhéud,
Ach rannsuich e mìltean de dh'innleachd dha féin,
Chinn e anns a' ghàradh làn de dh'fhéin spéis,
Leanaidh sin bàs ris an àl tha 'na dhéigh.

So i 'n aimsir a dh'innseas dhuinn innleachdan dhaoin',
Tha iad anns an rioghachd so, glé lionmhor, ra'r taobh,
Nuair a chi thu bàta*, gun seòl, gun ràmh r'ar taobh, - (*bàta-smùid)
Dol thun a' chala is aill' leath' nuair a's àird a' ghaoth.

Siubhlaidh i air fuaradh, air druim a' chuain, gu réidh,
Theid i do'n Taobh Tuath dhuit co luath ris na féidh,
Theid innleachd dhith air tir mar dh'innseachd dhomh 'n sgéul,
Ni i treabhadh 's cliathadh is ceud ni na dhéigh.

'S tha innleachd eil tha àghor, 's i 's fhearr tha fuidh 'n ghréin,
Clobhualadh 's gach àit 'nan cànainean féin,
Soisgeul na slaint' 's gach àite ga léugh;
'S cluinnear fuaim a ghràis anns gach cearna fo néamh.

Tha innleachd eile lamh riu nach taire na iad féin,
Duine dhol am bàta* an àird feadh nan spéur, - (*balùn)
Falbhaidh i co luath ann ri coileach ruadh air sgéith;
Ged thuiteas i 'sa chuan cha bhuail oirre béud.

Có as urrainn innseadh gach innleachd a th'ann?
Cha 'n fhaighear a scriobhadh, na chuir a sios le peann,
Soluis* ann san oidhche, 's cha lòchran a th' ann, - (*solas gas)
A' lasadh roimh na ballachan, 's cha' n fhaicear ciod a th'ann.

Ged tha sgoilearan lionmhor 's na rioghachdan so féin,
'S muladach r'a àireamh nach fheairde am béus,
Spùineadh, mort is méirle 's gach cearna san dthéid;
'Sa togail corp nam marbh dh'fhaotainn airgiod o'n léigh.

Sguiridh mi g'an àireamh, 's cha 'n eil stà dhomh ann,
Mu'n caill mi mo nàire na dol ceàrr anns a cheann,
Ruigidh mi Iain Tàillear o 'se feàrr leis a pheann,
'S innsidh e gun dàil dhomh gach fàillinn bhios ann.