Sgeulachd a' Phìobaire
Chaidh sgeulachd innseadh mu thimcheall pìobaire is a mhadadh, is latha de na làithean bha iad a' gabhail sràid làimh ri uaimhean na Cille, Ceann mu Dheas ann an Cinn Tìre. Ann an tè de na h-uaimhean a bu mhotha, bhathar ag ràdh gu robh slighe ann fon talamh, eadar beul na h-uamha agus cnoc Chill Fhaolain, mu shè mìle a dh'fhaid, a bha ga cleachdadh leis na cùiltearan. Theireadh muinntir an àite gur e uamh dhraoidheal a bh' ann, anns an robh bòcan a' fantail, agus fear sam bith a rachadh seachad air leac sònraichte san uaimh, chan fhaiceadh duine a-rithist e.
Ach a dh'aindeoin na comhairle a bha seo, bha am pìobaire seo den bharail gun rachadh e fhèin is a mhadadh gu deireadh na h-uamha. Mar sin dheth, thog e air, is a mhadadh aig a shàil, a' seinn air a phìob fhad 's a dh'èist a chompanaich ris aig beul na h-uamha. Chaidh am pìobaire a-steach gu dàna, gaisgeil, a' lìonadh na h-uamha le ceòl na pìoba. Chuala a chompanaich an ceòl a' fàs na bu laige is na bu duilghe a chluintinn, fhad 's a lean am pìobaire a shlighe fon talamh, gus an deachaidh e, shaoil a charaidean, seachad air an leac dhraoidheil. Chuala iad an uair sin a' phìob a' toirt sgreuch uabhasach aiste airson treis agus an sin, lìon gaireachdainn olc an uaimh.
An sin, chunnacas am madadh a' teicheadh, na dheann às an uaimh, agus às aonais a chraiceann! Thar tìde, dh'fhàs craiceann a' mhadaidh a-rithist mar a bha còir aige a bhith ach bhon uair sin, cha d' fheuch e ri tabhann aon turas eile na bheatha.
A thaobh a' phìobaire, uill, chan eil fhios le cinnt, ach bho àm gu àm chualas ceòl na pìoba fo ghealbhan an taighe aig Cill Fhaolain is cuideigin a' seinn, "Tha fhios, tha fhios, nach faidh mi às."