Dòigh-chocaireachd airson Guga


GugaTha an guga a' tighinn à Sulasgeir, eilean beag a tha tuath air Eilean Leòdhais. Chan fhaod daoine a bhith a' dol a shealg a' ghuga ach buidheann thapaidh de Nisich. Bithidh iad a' dol ann toiseach an Fhoghair, agus nuair a thilleas iad bithidh luchd mhath aca de ghugannan, air an glanadh agus air an sailleadh. Chan eil cead aca an-diugh a bhith a' marbhadh uiread sa chleachd iad agus mar sin bithidh iad gann, oir tha fèill mhòr orra - a measg na feadhna aig a bheil càil dhaibh.


An Dòigh

Sgrìob e gu math le sòda-nighe, gus am bi e cho geal 's a ghabhas. Cuir don phrais e agus bruich e ann an uisge goileach airson uair a thìde gu leth. Gu tric na làithean-sa, thèid a bhruich a-rithist ann an fìor uisge gus nach bi e cho saillt.


Ga ithe

Ith an guga cuide ri buntàta air am bruich leis na rùsgan.


Am bàta a' tighinn air ais bho Shulasgeir