Ag Eunachd ann an Hiort

Cha bhiodh muinntir Hiort beò mura biodh pailteas eòin-mhara anns na h-Eileanan Hiortach. Bha feòil-mhairt is feòil-caorach ri fhaotainn ach 's e glè bheag de chaoraich is crodh a bh' aca. Mar sin, bha aca ri eòin-mhara fhaotainn bho na stacannan a tha timcheall an eilein. Bha aca ri seòladh (4 mìltean) à Hiort fhèin, thairis air pàirt fhosgailte, fhiadhaich den Chuan Siar gus an do ràinig iad Eilean Bhoraraigh agus na stacannan a tha ga chuairteachadh, 's iad sin Stac an Armainn agus Stac Lì, far an robh na h-eòin mhara, an SULAIRE, am FULMAIR, AM BUTHGAIR, agus an LAMHAIDH, a' fuireach nan ceudan de mhìltean, a' drùidheadh air daoine gu robh na bearraidhean air an còmhdachadh le sneachd. B' e an Sùlaire agus am Fulmair a bhiodh na Hiortaich a' glacadh na bu trice na eòin eile agus 's iomadh Hiortach a chaidh a mharbhadh nuair a bha e ag eunachd.

"Is mòr an cunnart, feumaidh mi ràdh, do mhuinntir Hiort a bhith an sàs ann an obair an eunaich, is leis a sin chan eil mi airson cur sìos air cho àrd is cas is mì-ruigsinneach 's a tha na creagan is stacan eagalach sin, a bhios iad a' dìreadh. Chunnaic mi fhìn cuid de na Hiortaich a' dìreadh fo oir a' bhearraidh, le an druim ri aghaidh na creige, is a' cleachdadh dìreach an sàil is an uilinn, gun taic eile. Fàsaidh na balaich eòlach air sreap den t-seòrsa seo bhon chreathall, mar a gum b' eadh, is balaich òga aig 3 bliadhna a dh'aois aig a bheil an comas airson dìreadh ballachan an taighe fhèin. Tha an cuid choin, mar an ceudna, air leth sgileil a thaobh dìreadh agus a bhith a' toirt nan eun ud, a bhios a' neadachadh fon talamh, a-mach fo an toll aig òir na creagan."

An dèidh an glacadh, chaidh na h-eòin a thiormachadh airson an cumail tron gheamhraidh, ann an cleitean agus an uairsin chaidh an cur ann am barailean. Bhiodh gach barail air a lìonadh le mu 80 eun. Bha na h-eòin air an sgoltadh sìos an druim is chaidh an cnàmhan a thoirt às. Chaidh, an uairsin, salainn a chur nan corp agus mu dheireadh, chaidh an cumail ann an sàl. Airson bhùthgairean, chaidh an itean a spioladh, chaidh an sgoltadh agus a ghrèidheadh agus bha iad air an crochadh air pìos sreang bho mhullach na clèit gus am biodh iad tioram. Bhiodh iad an uairsin deiseil airson ròstadh.