Loch Brodan

Mar a fhuair Loch Bròdainn ainm

'S e seo seann sgeulachd a tha a' buntainn don sgìre timcheall Loch Nis, air a h-eadar-theangachadh bhon leabhar 'The Highlands and their Legends' le Otta Swire is i a' mìneachadh mar a fhuair Loch Bròdainn an t-ainm aige.

O chionn fhada bha sealgair a' còmhnaidh faisg air lochan a tha dlùth ri Abhainn Tromaidh. 'S e duine ainmeil a bh' ann aig an robh cliù airson an sgil a bh' aige le coin. Aon oidhche, dh'fhairich e sgròbadh iongantach aig an doras is nuair a dh'fhosgail e e bha deamhan na sheasamh air clàr aodainn. Ann an gàirdeanan an deamhain bha cuanaig de chuileanan fìor mhath. Dh'innis an deamhan ris an t-sealgair nach b' urrainn dha fhèin na cuileanan a thogail airson adhbhar air choireigin agus dh'fhaighnich an sealgair am biodh cead aige aon de na cuileanan a chumail nan togadh e a' chuanaig gu lèir agus thilleadh an deamhan airson nan cuileanan nuair a bhiodh iad aig aois choin slàn. Dh'aontaich an sealgair leis a' chùmhnant sin agus ghabh an deamhan a' ghaoth.

Dh'fhàs na cuileanan a bhith nan còin a bu làidire, tapaidh is luaithe a chunnaic an sealgair a-riamh. A-nis, bhathar ag ràdh gu robh eilid dhraoidheil bhòidheach a' fuireach air leathad Bheinn Eallair. 'S e eilid-shìthiche a bh' innte, agus chuir cuid an cèill gur i Gràinne, bean uasal na Fèinne is bean Fionn fhèin. Cha b' urrainn do chù beò ceum a bhreith oirre, is i cho luath ach bhon a chunnaic an sealgair a bha seo cuileanan an deamhain, thòisich e ri bruadair air an eilid dhraoidheil a ghlacadh. Ach nuair a bha na cuileanan aig anAn Eilid Gheal aois cheart airson trèanadh, thill an deamhan agus nuair bha e gus falbh leis na còin gu lèir, chuir an sealgair air chuimhne mun rud a gheall an deamhan dha. Leis a sin, thog an deamhan an cù a bu lugha, bhris e cas-cùl a' choin, thilg e gu aon taobh e, is thuirt e ris an t-sealgair nach robh còin den t-seòrsa seo airson dhaoine cumanta.

Bha an sealgair cho fiadhaich ach dh'ionnsaich e foighidinn is tosd anns na beanntan is cha tuirt e facal ris is nuair a dh'fhalbh an deamhan chuir e bann de dhuilleagan sèimheachaidh timcheall cas a' choin, agus cheangal e gu teann e ann am basgaid de gheugan sheilich gus nach b' urrainn dha gluasad. Ann am beagan sheachdainean dh'fhàs a' chas slàn, is dh'fhàs an cù a bhith na mhadadh as luaithe san t-saoghail. Chaidh an cù ainmeachadh mar Bhròdan agus dh'fhàs an sealgair is an cù air leth dlùth is measail air a chèile.

Ach latha de na làithean, nuair a bha iad a' sealg còmhla, chunnaic an sealgair an eilid-shìthiche bhàn bhòidheach ag ionaltradh faisg air Loch Eireachd is chuir e Bròdan as a dèidh. Cho luath 's a bha Bròdan, bha an eilid beagan na bu luaithe, ach nuair a ràinig iad Gàdhaig bha coltas sgìos air an eilid agus bha e coltach gun toireadh Bròdan greim oirre. Ach aig a mhionaid mu dheireadh, leum an eilid chun an lochan is Bròdan ga leantainn agus chan eil duine air am faicinn bhon latha sin gus an-diugh. Chuir an sealgair an t-ainm Loch Bhròdain air an loch airson a' choin a bu luaithe a chunnaic e a-riamh.