Martainn MacGilleMhartainn

 

Chaidh Martainn MacGilleMhartainn air cuairt air feadh nan Eilean Siar ann an 1695 agus chaidh a chunntas mu dheidhinn fhoillseachadh ann an 1698. Anns an leabhar, chìthear iomradh a thoirt air cò ris a bha gach eilean coltach, coltas muinntear nan eilean iomradh air a' bhiadh a dh'itheadh nan daoine. Na leanas chìthear cunntasan air ciamar a nochdadh fiadh anns na diofar eileanan anns an leabhar aige.

 

FiadhEilean Leòdhais: "Tha pailteas fiadh anns an sgìre, a tha 15 miltean timcheall, a' gabhail a-steach beanntan is gleanntan; tha seo a' toirt ionaltradh math don fhèidh, crò is caoraich. Tha 'a' choille' seo, mar a theirte ris, air a cuairteachadh leis a' mhuir ach airson mìle shuas air taobh an iar: tha aig na fèidh ri ithe air na tha air a' chladach no dad a tha air a thoirt a-staigh air an làn nuair a mhaireas sneachd is reòite ùine fhada, is chan eil duilleach airson am fasgnadh, agus mar sin, tha iad buailteach do fhuachd a' Gheamraidh."

 

RoineabhalNa Hearadh: "Tha fèidh ann am pailt air na cnuic is na beanntan a-bhos, is canaidh muinntir an àite a' choille ris; tha i 18 mìltean de dh'fhaid bhon ear gus an iar; thatar a' smaoineachadh gu bheil timcheall air 2000 fiadh anns an sgìre seo; agus tha beinn shònraichte ann far nach eil cead aig duine a shealg, tha an t-àite seo airson MhicLeòid a-mhàin."

 

An t-Eilean SgitheanachAn t-Eilean Sgitheanach: "Nuair a thèid e a shealg nam fiadh tha an ceann-cinnidh air a chuairteachadh le a luchd-leantainn, is 's e seo am prìomh eisimpleir airson sealtainn gu bheil e fearail is làidire. Tha èideadh, gunnaichean is acfhainn co-cheangailte ri sealg air a thoirt don choillear, an deidh dha tilleadh bhon mhònadh, a-rèir an nòs aosmhoir."