
Tha seann duine eile air aithris am measg nam bodach, Murchadh Buidhe nam Fiadh. Bha e na shealgair fhiadh ann an Diùra agus b' i Beinn an Òir a roghainn àite seilge, agus lean e air a tathaich gus an robh e na fhìor sheann duine liath.
B' ann do na sìthichean a bhuineadh na fèidh, agus bhiodh iad diombach do Mhurchadh airson a bhith cho trom air na daimh. Latha bha e siubhal na beinne chunnaic e damh brèagha air an d'èalaidh e gus an robh e an dlùths saighead a thilgeadh air. Nuair a chaog e a shùil a ghabhail cuimse, thionndaidh an damh na dhuine, agus thuirt e: ''Tha thusa an-sin, a Mhurchaidh Bhuidhe nam Fiadh, is tu a' fàs liath nad shuidhe air sliabh Beinn an Òir." Fhreagair Murchadh: "Ma tha mise air fàs liath air sliabh Beinn an Òir, is furasta do Dhia mo dhèanamh òg." Air dha seo a ràdh, thill neart na h-òige ris a-rithist agus bha e beò iomadh bliadhna an dèidh sin.