Oran na Comhachaig

Beinn NibhisTorradanA Chomhachag bhochd na Sròine,
A-nochd is bronach do leaba;
Ma bha thu ann ri linn Donnghail
Chan iongnadh ge trom leat t' aigne.

Is comhaois mise don daraig
Bha na faillean anns a' mhòintich;
'S iomadh linn a chuir mi tromham
'S mi comhachag bhochd na Sròine."

A-nis a tha thu aosta
Dèan-sa t'fhaosaid ris an t-sagart;
Agus innis dha gun euradh
Gach aon sgeula d'a bheil agad.

Cha d'rinn mise braid no breugan
No cladh no tèarmann a bhriseadh;
Air m' fhear fhèin cha d'rinn mi iomluas;
Gur cailleach bhochd ionraic mise.

Chunncas mac a' Bhrithimh chalma
Agus Fearghas mòr an gaisgeach;
Agus Torradan liath na Sròine
Sin na laoich bha dòmhail taiceil.

On a thòisich thu ri seanchas
S èiginn do leanmhainn nas fhaide:
Gun robh an triùir sin air fòghnadh
Mun robh Donnghail anns an Fhearsaid.

Chunnaic mi Alastair Carrach,
An duine b'allail' bha an Albainn;
'S minig a bha mi ga èisteachd
'S e a' rèiteach nan tom-sealga.

Chunnaic mi Aonghas na dheagaidh,
Cha b'e sin roghainn bu tàire;
'S ann san Fhearsaid bha a thuineadh
'S rinn e muileann air Allt Làire.

Bu lìonmhor cogadh 's creachadh
Bha 'n Loch Abar anns an uair sin
Càit am biodh tusa gad fhalach,
Eòin bhig na mala gruamaich?

'S ann a bha chuid mhòr de m' shinnsear
Eadar an Innse 's an Fhearsaid;
Bha cuid eile dhuibh mun Dèabhadh,
Bhiodh iad ag èigheach mu fheasgar.

Nuair a chithinnsa dol seachad
Na creachan agus am fuathas
Bheirinn car beag bhàrr an rathaid
'S bhithinn grathann an Creig Uanach

Creag mo chridhe-sa Creag Uanach,
Creag an d'fhuair mi greis de m'arach;
Creag nan aighean 's nan damh siùbhlach,
A' chreag aighearach ùrail eànach.

A' chreag mu'n iadhadh an fhaghaid,
Bu mhiann leam a bhith ga tadhal,
Nuair bu bhinn guth galain gadhair
A' cur greigh gu gabhail chumhaing.

'S binn na h-iolairean mu bruachaibh,
'S binn a cuachan 's binn a h-eala;
Is binne na sin am blaodhan
Nì an laoghan meanbhbhreac ballach.

Gur binn leam torman nan dos
Ri uilinn nan corrbheann cas;
'S an eilid bhiorach 's caol cos
Ni fois fo dhuilleach ri teas.

Gun de chèil' aic' ach an damh,
'S e 's muime dhi feur is creamh;
Màthair an laoigh mheanbhbhric mhir,
Bean an fhir mhallrosgaich ghlain.

Is siùbhlach dh'fhalbhas e raon,
Cadal cha dèan e san smùr;
B'fheàrr leis na plaide fo thaobh
Bàrr an fhraoich ghaganaich ùir.

Gur h-àlainn sgèimh an daimh dhuinn
Theàrnas o shireadh nam beann:
Mac na h-èilde ris an t-sonn
Nach do chrom le spìd a cheann.

Eilid bhinneach mheargant bhallach
Odhar eangach, uchd ri h-àrd;
Damh togbhalach biorach sgiamhach
Crònanach ceann-riabhach dearg.

Gur gasda ruitheadh tu suas
Ri leacainn chruaidh is i cas;
Moladh gach aon neach an cù:
Molaim-s' an trù tha dol às.

Creag mo chrìdh-'s a' Chreag Mhòr,
'S ionmhainn an lòn tha fo a ceann,
'S annsa an lag tha air a cùl
Na machair is mùr nan Gall.

M' annsachd Beinn Sheasgach nam fuaran,
'N riasgach o'n dèan an damh rànan;
Chuireadh gadhar as glan nuallan
Fèidh nan ruaig gu Inbhir Mheuran.

B' annsa leam na dùrdan bodaich
Os cionn lice ag eararadh sìl,
Bùirein an daimh 'm bi gnè dhuinnid
Air leacainn beinne 's e ri sìn.

Nuair bhùireas damh Beinn Bige
'S a bheucas damh Beinn na Craige,
Freagraidh na daimh ud d'a chèile,
'S thig fèidh à Coire na Snaige.

Bha mi on rugadh mi riamh,
An caidreabh fhiadh agus earb,
Chan fhaca mi dath air bian
Ach buidhe riabhach agus dearg.

Cha mhi fhìn a sgaoil an comann
A bha eadar mi 's Creag Uanach,
Ach an aois gar toirt o chèile:
Gur goirid a' chèilidh fhuaras.

Creag mo chridh'-sa Creag Uanach,
Creag dhuilleach bhiolaireach bhraonach,
Nan tulach àrd àlainn fiarach:
Gur cian a ghabh i on mhaorach.

Cha mhinig a bha mi 'g eisteachd
Ri sèitrich na muice mara,
Ach 's tric a chuala mi mòran
De chrònanaich an daimh allaidh.

Cha bu chuir mi dùil san iasgach,
Bhith ga iarraidh leis a' mhaghar;
'S mòr gum b' annsa leam am fiadhach
Siubhal nan sliabh anns an fhoghar.

'S aoibhinn an obair an t-sealg,
Aoibhinn a meanma 's a beachd;
Gur binne a h-aighear 's a fonn,
Na long is i dol fo beairt.

Fad a bhithinn bèo no maireann
Deò den anam na mo chorp,
Dh'fhannainn am fochair an fhèidh:
Sin an sprèidh an robh mo thoirt.

An ceòl as binne de gach ceòl
Guth a' ghadhair mhòir 's e teachd;
Damh na shìomanaich le gleann,
Mìolchoin a bhith ann is às.

'S truagh an-diugh nach beò an fheadhainn
Gun ann ach an cèo den bhuidhinn
Leis 'm bu mhiannach glòir nan gadhar,
Gun mheadhair gun òl gun bhruidhinn.

Bratach Alastair nan Gleann,
A sròl faramach ri crann:
Suaicheantas soilleir Shìol Chuinn,
Nach d' chuir suim an clannaibh Ghall.

'S ann an Cin- ghiùthsaich 'na laighe
Tha nàmhaid na greighe deirge;
Làmh dheas a mharbhadh am bradan:
Bu mhath e 'n sabaid na feirge.

Dh'fhàg mi san ruaimhe so shìos
Am fear a b' olc dhomhs' a bhàs;
'S tric chuir a thagradh an cruas
'N cluais an daimh chabraich an sàs.

Raghnall Mòr mac Dhòmhnaill Ghlais
Fear a fhuair fòghlam gu deas;
Deagh mhac Dhòmhnaill a' chùil chais:
Cha bheò neach a chomhraig leis.

Alasdair cridhe nan Gleann,
Gun e bhith ann mòr a' chreach:
'S tric a leag thu air an tom
Mac nan sonn leis a' chù ghlas.

Alastair mac Ailein Mhòir
'S tric a mharbh sa bheinn na fèidh,
'S a leanadh fad air an tòir:
Mo dhòigh gur Dòmhnallach treun.

Is Dòmhnallach thu gun mhearachd-
Gur tu buinne geal na cruadhach;
Gur cairdeach thu do Chlann Chatain
Gur dalta thu do Chreig Uanach.

Mi 'm shuidh air sìothbhrugh nam beann
A' coimhead air ceann Loch Trèig:
Creag Uanach mun iadh an t-sealg,
Grianan àrd am biodh na fèidh.

Chì mi Coire Ratha uam,
Chì mi a' Chruach is Beinn Bhreac,
Chì mi Srath Oisein nam Fian,
Chi mi a' ghrian air Meall nan Leac.

Chì mi Beinn Nimheis gu h-àrd,
Agus an Carn Dearg r'a bun,
'S coire beag eile r'a taobh:
Chìte is monadh faoin is muir.

Gur rìomhach an Coire Dearg,
Far 'm bu mhiannach leinn bhith sealg:
Coire nan tulchannan fraoich,
Innis nan laogh 's nan damh garbh.

Chì mi bràigh Bhidein nan Dos
An taobh so bhos de Sgurra Lìth,
Sgurr a' Chòinnich nan damh seang:
Ionmhainn leam an-diugh na chì.

Chì mi Srath farsaing a' Chruidh
Far an labhar guth nan sonn;
'S coire creagach a' Mhàim Bhàin
Am minig thug mo làmh toll.

Chì mi Garbhbheinn nan damh donn,
Agus Lapbheinn nan tom sìth
Mar sin 's an Leitir Dhubh:
'S tric a rinn mi fuil na frìth.

Soraidh gu Beinn Allair uam,
On 's i fhuair urram nam beann,
Gu slios Loch Eireachd an fhèidh:
Gum b' ionmhainn leam fèin bhith ann.

Thoir soraidh uam thun an Loch
Far am faicte bhos is thall;
Gu Uisge Leamhna nan lach-
Muime nan laogh breac 's nam meann.

Loch mo chridhe-sa an loch,
An loch air am biodh an lach;
Agus iomadh eala bhàn,
Is bhiodh iad a' snàmh mu seach

Òlaidh mi à Trèig mo theannshàth,
Na dheidh cha bhi mi fo mhulad:
Uisge glan nam fuaran fallain,
On seang am fiadh a nì an langan.

Soraidh uam gu Coire na Cloich'
'N coire 'm bu toigh leam bhith tàmh,
'S gu Uisge Labhar nam faobh,
Cuilidh nan agh maol 's nam mang.

Soraidh eil' gu Bac nan Craobh,
Gu dà thaobh Bealach nan Sgurr;
'S gus an Eadarbhealach mòr
Far nach cluinnear glòir nan Gall.

Is buan an comunn gun bhristeadh
Bha eadar mise agus an t-uisge,
Sùgh nam mòr-bheann gun mhisge
Mise ga òl gun trasgadh.

Sann a bha an comann bristeach
Eadar mise 's a' Chreagsheilich:
Mise gu bràth cha dìrich,
Ise gu dìlinn cha teirinn.

O labhair mi sibh gu lèir
Gabhaidh mi fhèin dibh mo chead;
Dearmad cha dèan mi san àm
Air fiadhach Ghleann nam Beann Beag.

Cead as truaighe ghabhas riamh,
Don fhiadhach bu mhòr mo thoil:
Chan fhalbh mi le bogha fo m' sgèith,
'S gu Latha Bhràth cha lèig mi coin.

Mise is tusa, ghadhair bhàin,
S tuirseach ar turus don eilean;
Chaill sinn an tabhann 's an dàn
Ged bha sinn grathann ri ceanal.

Thug a' choille dhìots' an earb,
Thug an t-àrd dhìomsa na fèidh;
Chan eil nàire dhuinn, a laoich,
On laigh an aois oirnn le chèil'.

Nuair bha mi air an dà chois,
'S moch a shiùbhlainn bhos 's thall;
Ach a-nis on fhuair mi trì,
Cha ghluais mi ach gu mìn mall.

A aois, chan eil thu dhuinn meachair
Ge nach fheadar leinn do sheachnadh;
Cromaidh tu an duine dìreach,
A dh'fhàs gu mìleanta gasta.

Giorrachidh tu air a shaoghal,
'S caolaichidh tu a chasan;
Fàgaidh tu a cheann gun deudach,
Is nì thu eudann a chasadh.

A shine chas-eudannach pheallach,
Shream-shuilleach odhar èitigh,
Cuime leiginn leat, a lobhair,
Mo bhogha thoirt dhìom air èiginn?

On 's mi fhìn a b' fheàrr an airidh
Air mo bhogha ra-mhath iubhair,
Na thusa, aois bhodhar sgallach,
Bhios aig an teallach ad shuidhe.

Labhair an aois rium a-rithis:
"Is mò 's righinn tha thu leantainn
Ris am bogha sin a ghiùlan-
'S gur mòr bu chùibhdhe dhuit bata."

"Gabh thusa uamsa am bata,
Aois ghrànnda chairtidh na plèide:
Cha leiginn mo bhogha leatsa
De do mhaitheas no air èiginn."

" 'S iomadh laoch a b' fhearr na thusa
Dh'fhàg mise gu tuisleach anfhann,
An dèidh fhaobhach' às a sheasamh,
Bha roimhe na fhleasgach meanmnach!
"