an
eilid bhàn
le Aonghas Dubh MacNeacail
Chan ann a-mhàin anns an t-seann aimsir a chaidh iomradh a thoirt air fiadh ann am bàrdachd. Anns an dàn seo leis a' bhàrd Sgitheanach Aonghas Dubh chìthear gu bheil ìomhaigh na h-eilid a cheart cho cumhachdach anns an latha an-diugh.
mi gabhail rathad na beinne àrd
am measg nan tulach liathruadh toirt
fa-near na h-èilde
"ag iarraidh na h-annsachd"
tha grian gun chùram
san iarmailt cheana agus spealtag
na seann ghealaich
dol na sìneadh air chùl
an dà sgùrr san fhireach thall a tha
smèideadh ri chèile mar a bha iad riamh
's e dh'iarrainn an àite bhith
siubhal
bhith dlùthchòmhla riutsa m'
eilid bhàn
's mi gun dùsgadh fhathast
chan eil sin ri bhith san tràth
seo
agus reul dheireannach na h-oidhche dol bàs
tha thu fada bhuam a-nise 's mi siubhal rathad na beinne
gun chinnt a bheil thu nad dhùisg
no a bheil àite agam nad bhruadar
"b' eòlach do sheanair,"
ars na feallsamhna
mar gun cuireadh am briathran stad air an t-sealgair
's mi falbh a shuidh' air chùl deasc
far an tig thu eadar mo pheann 's am pàipear
falach-fead am measg cholbhan craobhach mo leabhair-cunntais
cuiridh do mheall-thighinn buaireachail maill' air a' ghleoc agus
mo mheasrachadh buileach air seachran
bidh mo dhiathad gun tuar no seagh
agus nuair a tha mi ag òl tha fios a'm
nach fhaic mi an cupa
bidh thu nad reul air chùl m' aigne
cho deàrrsach 's gun cuir a' ghrian air ais
ach 's ann air an t-sealg eile bhios
m' inntinn
far am bi na buill-airm choma gan giùlain
air guailnean luchd-faghaid a tha
gun aithne air d' àilleachd
chan e do chniadachd a tha dhìth orra
ach an t-sealg
an t-sealg is
a' bhuille sgoilteach
o m' eilid bhàn
o m' eilid bhàn