Tha feum agad air:
1 Geàrr
2 Shlat soilire
2 Churran mìn-gheàrrte
3 Slisean Hama
1 Uinnean
3 u. Min-fhlùir phleàn
½ pt Searaidh is uisge
1 s.t. Luibhean measgaichte1 s.b. Ola
Salann is piobar
An DòighGeàrr an geàrr na phìosan beaga, agus cuir còmhdach de fhlùir agus luibhean air. Ròsd an uinnean, a' hama agus an soilire ann an ola, agus thoir às a' phana iad le spàin tholltach. Dàth an geàrr anns an ola agus thoir às e. Cuir an geàrr ann an soitheach casaroil leia a' ghlasraich bhruich, na curranan geàrrte, an searaidh agus an uisge. Cuir an ceann air gu teann agus bruich san àmhainn aig 375F neo Tomhais Gas 5 airson uair a thìde.
Roinn a-mach e anns na sùghan nàdarra.