'S e seo clàr a chaidh a thuineal bhon leabhar aig Calum MacFhearghais, Hiort: Farna laigh a' ghrian, is e a' sealltainn cò na pàirtean den bhliadhna a chaidh gach pàirt de dh'obair na h-eunachd a dhèanamh.
Bha muinntir Hiort sònraichte math beartach a thaobh biadh anns an t-seagh 's nach robh biadh gann as t-earrach mar a bha anns a' chòrr den Ghàidhealtachd. Bhiodh pailteas eun saillte aca ann am baraillean airson a' Gheamhraidh gus an tigeadh na ciad eòin-mhara air ais anns a' Ghearran.