Mar a Fhuair na h-Eòin-mhara a' Chlòimhteach

'S e seo sgeulachd airson cloinne a thaobh eòin-mhara a chaidh a chruinneachadh le Murchadh MacLeòid airson an leabhair aige 'Am Bloigh Beag le Beannachd is sgeulachdan eile'.

 

An uair a bha an saoghal òg agus bha a' Ghàidhlig aig na h-eòin, bha na h-eòin-mhara a' gearan nach robh de chlòimhteach orra na chumadh blàth iad ann an dùbhlachd a' gheamhraidh. Thàinig a' chùis gu ìre agus gun do chruinnich gach eun a shnàmhadh air tonn agus gach eun a bheireadh a bhiadh às an tràigh cruinn cothrom còmhladh ann an aon àite feuch am faigheadh iad dòigh air choireigin air seòrsa de chlòimhteach fhaotainn mun tigeadh fuachd a' gheamhraidh.

Sheas seann ghèadh coir a-mach agus thuirt e, "Is i a' ghrian a tha a' toirt dhuinn uile blàths agus beatha. Is fheàrr dhuinn mar sin cruinn a chur feuch cò na trì eòin air an tuit an crann agus a dh'fhalbhas do chùirt na grèine a dh'iarraidh na clòimhtich."

Thuit an crann air tunnag, air faoileag agus air sgarbh.

Dh'fhalbh iad, ma tha, na trì eòin sin, sgarbh, tunnag agus faoileag. An uair a ràinig iad an ceann-uidhe bha e cho fada air adhart anns an fheasgar agus gu robh a' ghrian a' dol fodha anns a' chuan. Dh'innis iad gun dàil carson a bha iad air tighinn air an astar.

Thuirt a' ghrian riutha mar seo, "Chan eil a-nochd ùine agamsa gus cobhair a dhèanamh oirbh…ach an t-eun as tràithe a dh'èireas anns a' mhadainn agus a chuireas fàilte ormsa an uair a bhios mi ag èirigh às an uisge, sin an t-eun as motha a gheibh de chlòimhteach."

Cha robh air sin ach sin fhèin…cha robh an còrr mu dheidhinn. Chaidh a' ghrian gu grad às an t-sealladh. Dh'fhuirich na trì eòin far an robh iad an oidhche sin air gob rubha faisg air làimh. Thuirt an sgarbh agus an fhaoileag ri chèile gu fanadh iadsan nan caithris fad na h-oidhche gus a bhith sàr chinnteach gum biodh iad deiseil gus fàilt a chur air a' ghrèin cho luath 's a thogadh i a ceann os cionn na mara.

Cha tuirt an tunnag smid; chuir i dìreach a ceann fo a sgèith agus chaidil i gu socair. Cho luath 's a thug an dithis eile an aire dha seo thuirt an dàrna h-aon ris an aon eile, "Nach fhaic thusa an òinseach bhochd a tha siud…dol a chadal an uair bu chòir dhi fuireach na dùisg! Cha bhi ann dhìse gu dearbha fhèin ach turas gun bhuannachd."

Co-dhiù no co-dheth, fhuair an fhaoileag agus an sgarbh air an sùilean a chumail fosgailte air fìor eigin…ach mu dheireadh thuit an sgarbh na chadal, na throm shuain. Bha an fhaoileag a-nise a' cumail faire leatha fhèin. Ghlas an latha agus thoisich rudhadh air tighinn san àird an ear. Shaoil an fhaoileag gu robh a' ghrian a-nis ag èirigh agus thoisich i ri gleadhraich agus ri goilearaich leis an toileachadh. Dhùisg i an tunnag. "Seall, seall," thuirt an fhaoileag, "tha a' ghrian air èirigh."

"Bi sàmhach, a ghòrag gun tùr," fhreagair an tunnag. "Tha greis mhath fhathast mun èirich a' ghrian."

Thòisich an tunnag air i fhèin a ghlanadh agus a chìreadh agus a sgioblachadh gus a bhith deiseil airson fàilte chur air a' ghrèin. Sùil dhan tug i nach ann a bha an fhaoileag air tuiteam na cadal. Bha an t-adhar anns an àird an ear air dhreach an òir agus a' ghrian gu glòrmhoir air an uisge. Chuir an tunnag fàilte is furan oirre. Thug a' ghrian dhi de chlòimhteach na dhèanadh a' chùis dhi fhèin agus dha ginealaich.

Rinn an tunnag mòr ghàirdeachas agus aoibhneas agus dhùisg i an sgarbh. Thug a' ghrian chòir dhàsan a dheagh chuid de chlòimhteach.

Seo 's ann a dhùisg an fhaoileag. Cha do dh'fhàg a' ghrian ise falamh nas motha. Fhuair na h-eòin a' chlòimhteach a-rèir 's dè cho tràth 's a dh'èirich iad, agus tha clòimhteach nan eun-mhara air a roinn a-mach mar sin gus an latha an-diugh.