'S e seo iomradh, air eadar-theangachadh bhon Bheurla, a thug Martainn MacGilleMhartainn air an fhulmair is an dòigh a bhiodh muinntir Hiort gan glacadh air oir nan creagan:
"Tha sgèith an fhulmair glè fhada is geal-glas nan dath, a bhroilleach geal, is a ghob tiugh, cam, dà òirleach a dh'fhaide is air leth faicsinneach aig an deireadh. Gu h-àraidh, thig ùighean an fhulmair air a' chiad, dara no an treas latha den Cheitean. Nuair a thèid an t-ùgh aige a ghabail bhuaithe, cha tig ùighean a bharrachd dhaibh, mar a nì na h-eòin-mhara eile, airson an dara is an treas tursan.
"Tha blàs sèimh a' tighinn den t-seann fhulmair, is 's e measgachadh de gheir is feòil thana a tha ann; tha an fheòil geal, is cha tig fuil às ach bho cheann a-mhàin; tha an t-eun òg làn geir ach na cnàmhan a tha ann; nuair a tha am fulmar ullamh airson falbh air iteig, is nuair a thèid duine faisg air, tilgidh e a-mach uiread de dh'ola bho a ghob a bhuaileadh an duine an clàr aodainn, ged a bhitheadh e seachd ceuman air falbh.
" Ach tha muinntir Hiort làn eòlach air a seo, is tha iad air dòigh ealanta a chruthachadh gus seo a sheachnadh, le a bhith a' tighinn faisg air an eun bho chùl, is soitheach-fhiodha air a crochadh bho na slatan a tha aca, a bhios ga chrochadh air beulaibh gob an eòin; gabhaidh am fulmair iongnadh is buailidh e an t-soitheach le a chuid ola; gabhaidh an t-eunadair greim air a ghob, ceanglaidh e e le pìos snàthainn, is mairidh an t-eun mar seo gus an ruig na daoine dhachaidh is 's urrainn dhaibh an ola fhaotainn às is ga chur ann am bobhla."