'S e seo rannan air eòin na monadh air an tarraing bhon leabhar Aithris is Oideas is bhiodh iad gan seinn le cloinn anns an t-seann aimsir:-
A' Chearc-Fhraoich
Laighibh, laighibh, laighibh,
Caomhnaibh, caomhnaibh bàrr an fhraoich;
Chan fhaigh sibh gu lò ach na fhuair sibh,
Caomhnaibh, caomhnaibh bàrr an fhraoich,
Laighibh, laighibh, laighibh.
An Eala
Gu-bhi-gì, gu-bhi-gò,
Mo thurus dubh, mo thurus dubh, mo thurus dubh
Mar dhealaich sinn;
Mo thurus dubh a thug mi dh'Eire
Mo chruaidh lèir mar dhealaich sinn;
Gu-bhi-gì, gu-bhi-gò,
Guth na h-eala, guth an eòin,
Gu-bhi-gì, gu bhith-gò,
Guth na h-eala air an lòn.