Dòigh-chòcaireachd à Eilean Arainn airson lach-uaine is snèapan

 

Tha feum agad air:

2 Lach, deiseil airson ròstadh
2 s.b. Salainn
1 s.b. piobar
4 s.b. ìm
1 s.b. ola
6 pìosan pearsal
2 s.b. Luibhean measgaichte
4 punnd shnèapan geala

 

An Dòigh:

Cuir salainn is piobar ann an toll nan lachan is briog creacainn nan eun aon turas air am broilleach, druim is sliasaid. Leagh ìm is ola ann an soitheach trom air mullach an stòbha. Cuir na lachan ann an teine meadhanach teth gus am fàs iad donn. Ghluais iad bhon teine.

Cuir am pearsal is na luibhean ann an clobhd. Dhòirt ìm is geir far nan lachan, is sgaoil salainn is piobar orra, cuir an clobhd cuide riutha, còmhdaich an t-soitheach is cuir don àmhainn iad airson uair a thìde aig 350F. Gheibhear blas nas fheàrr de lach nuair a bhios e meadhanach gann-bruichte; briog am broilleach agus sguir an ròstadh nuair a bhios an sùgh bàn-dhearg. Bruich na snèapan ann an uisge saillte airson 8 mionaidean. Cuir iad anns an t-soitheach aig 40 mionaidean. Cum anns an àmhainn iad airson 20 mionaid a bharrachd.