Aoibhinn an Obair an t-Sealg

'S e seo pìos air eadar-theangachadh bhon artaigeil le William J. Watson a nochd anns a' Celtic Review Volume IX anns an t-Samhain 1913, is e a' sealltainn cò ris a bha sealg coltach, anns an t-seann làithean air a' Ghàidhealtachd.


Anns an t-seann aimsir bha sealg nam fiadh ann an Alba air a sònrachadh mar thachartas tòrr na bu mhotha na tha e an-diugh. Airson seo a dhearbhadh, chan eil agad ach coimhead air a' phìos a leanas le Thomas Pennant, Sasannach a bha dèidheil air siubhal is eachdraidh na h-Alba is bhon a fhuair sinn mòran den fhiosrachadh a th' againne a thaobh ar dùthcha fhèin. 'S ann faisg air Dùn Chailleann ann an Siorrachd Pheairt a tha am pìos stèidhichte:-

"A' coiseachd tro bhealach cumhang, air a chuairteachadh le creagan mòra, air a bheil Cathair nan Rìgh, an t-àite far an do chuir seann rìghrean na h-Alba iad fhèin air an àite a b' fheàrr airson na fiadh a mharbhadh, an fheadhainn a chaidh iomain seo airson toileachas an rìgh."

Anns a' bhliadhna 1563, chuir an Iarla Athall tachartas air dòigh airson na Bànrigh Màiri air an robh 'an t-Sealg Rìoghail'. Dà mhìos ron t-seilg, dh'fheumadh 2000 Gàidheil no 'Wild Scotch', mar a chaidh an ainmeachadh, gach beathach fhiadh iomain bho na coilltean is cnuic ann an Athall, Bàideanach, Màrr is Moireabh is na siorrachdan eil mun cuairt. Bhiodh na fèidh uile a bhuineadh don sgìre seo gan cruinneachadh còmhla airson an latha shònraichte seo a-mhàin, air beulaibh na bànrighinn, far am biodh iad furasda a mharbhadh. Air latha na seilg seo, a-rèir coltais, chaidh 360 fiadh a mharbhadh, is còig madaidhean-allaidh is fiadh-earba no dhà cuideachd.

Anns an Statistical Account 1796, chìthear an t-Urramach Dòmhnall MacGillEathain a' toirt iomradh air sealg nan seann làithean ann an Eilean Ruma:-

Eilean Ruma"Ann an Ruma, b' àbhaist pailteas fhiadh a bhith ann; bha coille ann a thug fasgadh do an cuid laoigh, airson an cumail air falbh o lèirsinn nan iolairean is an leithid. Mar a dh'fhàn a' choille beò, 's ann a dh'fhàn na fèidh beò; ach a-nis, on a chaidh a' choille a leigeil, tha na fèidh air a dhol à bith cuideachd. Mus an tàinig na gunnaichean, chaidh na beathaichean a mharbhadh mar a leanas: ann an gleann, bha dà bhalla chloiche air an togail shuas gu h-àrd air an dà bheann, na ballachan fad air falbh bhon chèile, agus mar a chaidh na ballachan sìos na beanntan, bhiodh iad a' tighinn na b' fhaisge air a chèile gus am biodh iad dìreach 3 no 4 troighean far a chèile air làr a' ghlinne. Tron phìos fosgailte seo eadar an dà bhall, bhiodh balla àrd cruinn air a thogail mar fhaing àrd, far am biodh na fèidh glacte a-staigh - chaidh an iomain don àite seo, far an deach cur às dhaibh. Tha aon de na ballachan seo fhathast ri fhaicinn ann an Ruma."

Chan ann an Eilean Ruma a-mhàin a chaidh na ballachan seo a thogail ach air feadh na Gàidhealtachd, bho Shiorrachd Pheairt is shuas mu thuath gu Cataibh. 'S e eileirig an t-ainm a tha air na ballachan mòra seo a bha air an cleachdadh airson sealg nam fiadh, is chìthear fhathast na tha air fhàgail dhiubh an-siud 's an-seo air a' Ghàidhealtachd. Tha iomadh ainm-àite air a bheil eileirig air feadh na h-Alba, a' sealltainn na àiteachan far an deach na fèidh a shealg anns an t-seann nòs.