An Cnoc Breac, Gleann CròGleann Crò

Oran Ghlinne Chrò le Gilleasbaig Mac an t-Saoir à Inbhir Aora

Bha Gilleasbaig Mac an t-Saoir (1854-1922) na chìobair airson nan caorach aig an Ridire Anndra Noble, air an fhearann aige dlùth ri cladach a tuath Loch Fìne, faisg air Inbhir Aora. Chaidh an t-òran a sgrìobhadh ann an 1914 nuair a chaidh innse do Ghilleasbaig le Noble gu robh e a' dol a chreic nan caorach gus am bi a oighreachd ga cleachdadh airson fèidh àrachadh agus gum biodh aig Gilleasbaig a dhreuchd a leigeil dheth air tàilleabh 's gun robh prothaid nas motha ri fhaotainn ann am fèidh na bha ann an caoraich.

Gur beag mo shannta
Bhith nis sa ghleann seo
'S gach taigh is fang
A' dol glan às òrdugh
'S gach lianag uaine
As tric a bhuain mi
Gun ann ach cluaran
An àit' an eòrna.

Chan ionn 's mara bhà e
Nuair bha mi 'm phàiste,
Bha cur is àiteach
Aig daoine coire;
E nis na fhàsach
Is fèidh gun àireamh
Toirt spurt do ghàrlaich
'S do dhaoine neònach.

Bidh fèidh nam fuar-bheann
A-nis air ghluasad
Is gràisg de dh'uabhraich
A' dol nan còmhdhail;
Bidh màidsear cuagach
A' caitheamh luaidh' orr'
'S gruing is gruaim air
Mur dèan e 'n leònadh.

Ma thig an nàmhaid
A-nis don àite
Bidh fèidh nan àrd-bheann
A' cur ri crònan;
Bu mhaith nan àite
A-nis na Gàidhil
A chur nam blàr leinn
Gu duineil dòigheil.

'S e forsair grànda
A rinn mo shàrach'
On chuir e sgànradh
An-diugh nam dhròbh-sa;
Ma gheibh mi slàinte
'S a bhith nam àbhaist
Gun dèan mi faidh
Mas duine beò mi.