Anns na seann làithean bha e toirmisgte airson gèarr a mharbhadh agus bhiodh na geamairean gu math trom air frith-mhearlaich no poitsearan ach bu choma leis na balaich a bha seo. Bha biadh gann agus ghlac iad geàrr. Chuir iad ann am poit air an teine i mus deach iad a-mach a dh'obair. Bhiodh i deiseil airson a diathaid nuair a thigeadh iad dhachaigh aig meadhan-latha.Ach nuair a thill iad, cò bha nan cois ach an geamair! Agus cha b' urrainn dhaibh fhaighinn cuidhteas e. Chan fhaigheadh iad biadh fhad 's a bha esan a-staigh. An uairsin, chuimhnich fear dhiubh nach bu toil leis a' gheamair salchair sam bith. Dh' fheumadh a h-uile nì a bhith glan dha.
Thog am balach bobhla. " Gabhaidh sinn ar biadh," thuirt e. "Feumaidh mi am bobhla a ghlanadh, ach chan eil clobhd agam." Choimhead e air a chù. "Trobhad," thuirt e ris. Thog e earball molach salach a' choin, agus ghlan e am bobhla leis. Dh'fhalbh an geamair sa bhad, agus dh'ith na balaich feòil na gearra. Ged a bha am bobhla salach, chòrd an fheòil riutha glan!
![]()