Dòigh-chòcaireachd airson Siothann a ròstadh

 

Tha feum agad air:

1 cheathramh de shiothann-fèidh (mu 6 punnd)
measgachadh de mhìn-fhlùir is uisge
salainn is piobar
2 s.b. ìm
1 ghloinne fìona-dhearga
flùr

airson an sabhs:

1 gloinne fiona-phuirt
na dubhagan bhon t-siothann
1 s.b. silidh dhearcan-dearg
1 s.b. flùr
1 s.b. ìm


An dòigh

Bu chòir an t-siothann a bhith air a crochadh airson greis mhath. Glan i le uisge blàth agus suath i gu lèir le ìm. Còmhdaich i le pàipear-gear agus os cionn a' phàipeir cuir measgachadh de mhìn-fhlùir is uisge oirre gus am bi an t-siothann air a còmhdachadh leis. Paisg i ann an sgragall agus cuir san àmhainn i airson 4 uairean aig 325F, 160C, Tomhais Gas 3.

Cuir air falbh an sgragall agus am pàipear agus an uairsin cuir beagan de shalainn is piobar oirre, còmhdaich i le flùr, leagh ìm air an t-siothann a-rithist agus dòirt am fìon gu fialaidh oirre. Cuir air ais don àmhainn airson greiseig i gus an tig dath donn oirre.

Airson an sabhs, frighig na dubhagan ann an ìm, an uairsin, thoir a-mach iad bhon phana, cuir am fìon-puirt a-staigh don phana cuid ri sùgh nan dubhagan. Cuir an silidh a-staigh an uairsin agus tha an sabhs a-nis deiseil airson a bhith ga chur ris an t-siothann.