Dà fhichead mìle gu tuath air Eilean Leòdhais, tha dà eilean iomallach, Rònaigh agus Sulasgeir. 'S e Rònaigh am fear as motha de na h-eileanan is tha e gorm is torach agus bha daoine a' còmhnaidh ann bho àm gu àm shuas gu meadhan na naoidheamh linn deug, gu h-àraidh airson an aire a thoirt air caoraich an uachdair a bha a' gabhail seilbh air an eilean aig an àm ud. Ach 's ann air Sulasgeir a chìthear àite a tha aig cridhe coimhearsnachd sgìre Nis, ged a tha e suidhichte cho fad air falbh bho Leòdhas is chan fhaicear an sgeir ach air na làithean as ciùine is as sèimhe. Chan eil ach creig mhòr a tha ann is tha ùir gann ach tha an dìth seo air a lìonadh le dleasdanas na creige seo mar aon de na làraich as cudthromaiche san t-saoghal far am bi sùlairean a' gur an cuid uighean le mu còig mìle chàraidean de shùlairean air a' chreig. Agus tha eòin eile air an sgeir mar an ceudna, mar fàireagan, làmhaidhean, buthgairean is fulmair. Tha an t-ainm Sulasgeir (Sgeir nan Sùlairean mar a gum b' eadh) a' toirt iomradh air gu dè cho cudthromach 's a tha is a bha an sgeir do muinntir Nis mar storas airson bidhe.
'S ann leis an Deathan Rothach ann an 1549 a chìthear aon de na ciad cunntasan a thaobh na h-Innse Gall agus chìthear iomradh a thoirt air Sulasgeir is na Nisich, "the men of Ness fetche hame thair boatful of dry wild fowls with wild fowl fedderis." Chan urrainnear tomhais air dè cho fad 's a tha na Nisich air a bhith a' dol a Shulasgeir mus an do thadhail Rothach orra ach cinnteach gur iomadh linn a bh' ann. Tha an tradisean fhathast beò ann an Nis an-diugh. Tha feòil a' ghuga (an sùlaire òg) fhathast na ghrinneas do muinntir Nis, ged a tha na bhlas coisinnte airson a' chuid as motha dhuinne. Ach chòrd an guga ri mòran ann an Alba anns na meadhan-aoisean agus bha e ri lorg air bùird rìghrean na h-Alba far an robh e na 'appetizer' ron an dìathad cheart. As t-foghar gach bliadhna, thèid buidheann de Nisich thapaidh a-null don sgeir airson mu dà mhìle eun a mharbhadh agus tillidh iad seachdain an dèidh dhaibh fhàgail leis na h-eòin airson coinneachadh ri sluagh mòr dùrachdach a tha airson an t-uiread de ghuga as urrainn dhaibh a cheannach.