Dà Thòimhseachan mu dheidhinn a' Gheàrr

 


Chì mi, chì mi, thar a-nis,
Tè ghuanagach dheas,
Cearb de a lèine fo a chrios,
Is ceum an èibhrionnach na cois.

 

 


Chì mi thall ud air a' bheinn,
Fear ciar-ghlas is beum fo a shròin,
Dà fhiacail fhada na cheann,
Is plàide de lìon mu a thòn.