ADAG

Melanogrammus aeglefinus - Hyse - Églefin - Schellfisch



‘S e adag an darna iasg as cumanta as dèidh trosg ged a tha iad aig amannan a’ reic mar an aon iasg.  Tha an dà iasg trosg agus adag a’ tighinn bon bhon aon teaghlach ach tha adag nas lugha na trosg  agus am feòil nas laige agus nas millise na trosg.  Bha an t-iasg seo a’ fulang bho air argnachadh ach a-nis tha ìre dhen stoc a’ dol suas.

 

B’ urrainn dhuibh an t-iasg seo a’ lorg fad am bliadhna air feadh na mara timcheall Breatann ach gu h-àraidh ann an Cuan Tuath aig domhain eadar 40 gu 300 meatairean.  Dh’ fhaodadh e a bhith suas gu 110 ciadameatairean ach chan eile cumanta a bhith a’ faighinn fear nas fhaide na 80 ciadameatairean.  Glac iad le lìonan agus tràladh.

 

Mar tòrr eile a-mach sa teaghlach trosg tha còig ite air agus sùilean glè mhòr.  Tha an druim uaine dorcha neo donn a tha a’ dol nas soilleire air na taobhan dhan brù geal.  Tha loidhne sònraichte air an adag cuideachd mar a tha air an trosg ach tha am fear seo dubh.

 

Eadar An Gearran agus An t-Ògmhios far a bhios iad mealgachadh bidh na h-adag a’ dol gu mara domhainn ach a’ tighinn air ais as dèidh airson caoran a dhèanamh.   Bidh iad a’ ruigsinn ìre inbheach aig timcheall trì bliadhna nuair a bhios iad 30 gu 45 ciadameatairean ach tha na ìrean fàs a’ crochadh air far a bheil a’ fuireach, thathar ag ràdh gu bheil na feadhainn ann an deas a’ fàs nas luath.

 

Tha blas sèimh agus inneach cleiteach air.  Nuair a tha sibh gan còcaireachd bhiodh e tioramachadh a-mach gu math furasda.  Ged a tha tòrr dòighean còcaireachd ann a tha a’ cleachdadh adag ‘s e an dòigh as cumanta a bhith ga ithe a tha a-mach sa ‘chippy’ le sliseagan far a bheil an adag a dhèanamh ann am batter agus frighig domhainn.

 

Seann-fhacal: 'Tha dà bhall dubh air an adaig, 's earball fad' air a' chuiteig'

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

DÒIGHEAN COCAIREACHD
 Cullen Skink

‘S e brot a th’ ann a tha gu math traidiseanta agus thàinig e bhon baile iasgaich Cullen ann an Siorrachd Mhoireibh.

 

Na rudan a tha feum air:       2 punnd de adag air a smocadh
1 uinnean ann pìosan beaga
900 milleliotairean de bainne

                                                2 spàin bùird ìm
8 unnsannan de buntàta sgabaistichte
2 spàin bùird de ola sesame

                                                Salann agus peabar

1 duilleag-labhrais

pairseil air a ghèarradh suas

Uisge

Aran ròsda

 

An dòigh coicearachd:

 

1.      Cur uisge thairis air an adag ann an pana eu-domhain leis an taobh craiceann sìos.

2.      Toirt an uisge dhan bhruich agus slaop airson 4-5 mionaidean, a’ tionndadh dìreach aon turas.

3.      Toirt a-mach an adag agus toir air falbh an craiceann agus na cnàmhan.

4.      Bhrist an t-iasg suas ann am pìosan beaga agus cur air ais dhan uisge le uinnean, duilleag-labhrais, salann agus peabar.  Slaop airson 15 mionaidean eile.

5.      Sìolaidh am brot a’ toirt a-mach an duilleag-labhrais agus a’ cumail an t-iasg fa leth.  Cur am bainne ann an stoc agus toirt e air ais dhan bhruich. 

6.      Cur ann am buntàta gus a bhiel e aig an seasmhachd a tha thu ag iarraidh.  (Bu chòir dha a bhith brac agus teann.)

7.      Cur an t-iasg air ais dhan stoc agus dean e teth a-rithist.

8.      Mus an do fritheil thu am brot cur an ìm ann agus an pairseil air a’ mhullach agus tha e nas fheàrr ma chur thu aran ròsda ann còmhla ris.