BRADAN LEATHANN
Psetta maxima - Piggvar - Turbot – Steinbutt

Tha e nan creachadair agus
tha e ag ithe tòrr èisg eile mar garbhagan agus sgiollagan. Tha am feòil aig an iasg gu math blasda agus
tha inneach tiugh le tòrr saill. Chan
eil an t-iasg seo a’ dol tioram idir nuair a tha thu gan còcaireachd idir. ‘S e iasg daor a th’ ann air sgath ‘s gu
bheil e a’ faighinn cliù math. Tha cuid
de dhuine ag ràdh gu bheil sin an iasg as fheàrr a thaobh blas air sgath ‘s gu
bheil e olach.


Airson
ceithir daoine
Na
rudan a tha feum air: 3-4 x 15ml spàin de flùr
Salann
agus peabar dubh
4
sgoran de bradan leathann (175g gach sgor)
1-2
x 15 ml spàinn de ola chroinn-ola
250g
rìs Arborio
284
milleliotairean stoc èisg
300
milleliotairean de uisge
3
x 15 ml spàin de fìon geal tioram
3
x 15 ml spàin de uachdar dùbailte
15g
de creamhan-gàraidh air a ghearradh suas
An dòigh coicearachd:
1. Cur an flùr, salann agus peabar air truinnsear agus
crath air na sgoran bradan leathann.
2. Airson an risotto, slaop an rìs ann an stoc èisg, uisge agus fìon gus a bheil e bog. Timcheall airson 15 mionaidean, as dèidh seo cur salann agus peabar ann, as dèidh sin cur uachdar agus creamhan-gàraidh ann.
3. Dìreach roimh a tha an rìs deiseil, teas pana leis an ola chroinn-ola agus coicear na h-èisg airson 2-3 mionaidean gach taobh.
4. Cur pìos de risotto air gach truinnsear agus cur an iasg air mullach a sin.