
Tha cuid as motha dhe na bhreacan a-mach sa
fìor-uisge ach tha feadhainn a’ fuireach ann an uisge saillte. Nuair a tha breac na mara a’ mealgachadh bidh
iad a’ gluasad air ais dhan fhìor-uisge agus dha na h-aibhnichean eadar an
t-Iuchar agus an t-Samhainn far am bi gach boireannach a’ dèanamh timcheall air
deich mìle uighean. Bidh na feadhainn
beaga a’ feitheamh ann gus a bheil iad eadar còig deug no fichead
ciadameatairean sa còig, a’ fàs le bhith ag ithe bèisteagan. As dèidh a bhith a’ fuireach anns na uisge
saillte airson eadar leth-bhliadhna agus còig bliadhnaichean bidh iad a’ dol
air ais dhan fhìor-uisge gach bliadhna airson sìolradh a dhèanamh. Tron an t-àm a tha iad anns a’ mhuir bidh
iad a’ fuireach faisg air an oirthir gu h-àraidh faisg air beòil-aibhne agus
àiteachan eile far a bheil fìor-uisge a’ tighinn còmhla ri uisge saillte. Tha e air a lorg timcheall na mara
Bhreatainn.
‘S e iasg fada agus caol a th’ ann le craiceann airgid no donn air
aig a bheil pìosan orains, uaine agus gorm.
San fharsaingeachd tha an t-iasg seo eadar da fhichead agus leth cheud
ciadameatairean air fad. Mar tòrr èisg
eile bidh breac ag ithe èisg beag eile nuair a tha iad anns a’ mhuir.
Tha tòrr daoine ag iasgach
airson breac airson spòrs agus tha àiteachan ann far a dh’ fheumadh tu cead
fhaighinn airson gan glacadh. Tha e
tòrr nas fhasa a bhith a’ faighinn breac bhon fhìor-uisge seachd air a’ mhuir
agus ‘s e duais mhòr a th’ ann a bhith glacadh breac fiadh a tha a’ fuireach sa
mhuir, ‘s e ròicealachd a th’ ann airson coicearachd agus ithe cuideachd.
‘S
e iasg làn blas a th’ ann an breac agus tha e caran olach le feòil
cleiteach. B’ urrainn dhuibh am breac a
lìonadh a –steach le rudan eile, bruich, frighig anns a’ phana neo grisgean.

Airson
ceithir daoine
Na
rudan a tha feum air: 4 breac air fad
4
sliseagan de hama smocadh strìocach
2
liomaid, aon ann an sliseagan agus aon airson sùgh
Pairseil
125g de ìm air a leagh
An dòigh coicearachd:
Rann le Mairead Hulse. Fonn: "The
Farmer's in his den".
-
Còig bric a' snàmh,
Còig bric a' snàmh,
Thàinig fear le slat is dubhan,
Siud aon air falbh.
-
Ceithir bric a' snàmh,
Ceithir bric a' snàmh,
Thàinig fear le slat is dubhan,
Siud aon air falbh.
-
Trì bric a' snàmh,
Trì bric a' snàmh,
Thàinig fear le slat is dubhan,
Siud aon air falbh.
-
Dà bhreac a' snàmh,
Dà bhreac a' snàmh,
Thàinig fear le slat is dubhan,
Siud aon air falbh.
-
Aon bhreac a' snàmh,
Aon bhreac a' snàmh,
Thàinig fear le slat is dubhan,