CUDAIG
Pollachius virens - Sei - Lieu noir – Köhler

‘S e sin iasg aig a bheil an
àireamh as motha de h-ainm air a shon.
Tha barrachd air ceud agus dà fhichead ainm air a clàradh airson an
t-iasg no feadhainn as cumanta a tha saithe, coley agus coalfish.
Tha an t-iasg seo a’
fuireach eadar bàrr na mara sìos gu tri ceud meatairean. Tha iad a’ mealgachadh ann an Cuan Tuath
faisg air Nirribhidh eadar ceud agus da cheud meatairean doimhne agus a’
gluasad fada bhon àiteachan fàs agus ithe.
Bidh sin a’ tachairt eadar am Faoilteach agus an Giblean. As dèidh a bhreith bidh na feadhainn beaga
a’ dol dhan mara faisg air an oirthir airson bliadhna no dhà. Mar as àbhaist tha iad a’ snàmh ann an
caoran mòr.
Tha e ann an teaghlach trosg
ach tha e nas dorcha agus chan eil e cho bòidheach ris an trosg. Nuair a tha e air coicearachd ged tà tha
tòrr dhaoine dhen bheachd gu bheil blas nas fheàrr air. Feumaidh an fhuil a bhith a thoirt a-mach
bhon cudaig cho luath sa ghabhas, ann a’ chiad leth uair sa tha thu air tìr,
airson an feòil a bhith gun iol-dathach.
A thaobh dath tha e eadar
uaine/donn gu faisg air dubh air a druim agus air na taobhan a’ dol gu airgead
fon cheann agus air a bhrù. Tha na
h-itean dearg
Mar as àbhaist tha iad air a
ghlacadh eadar tri fichead agus ceithir fichead air fad ach b’ urrainn dhaibh
a’ fàs gu ceud ciadameatairean ‘s fichead.
A thaobh cuideam tha iad san fharsaingeachd timcheall air seachd
cilegramaichean ach uaireannan bidh iad a’ fàs gu deich.
Tha tòrr ann ach chan eil
tòrr luach air a thaobh airgead agus a thaobh iarratas agus
chan eil e a’ cleachdadh cho
tric sa b’ urrainn dha a bhith. Tha iad
air a’ cleachdadh nas tric anns na biadh far nach faiceadh tu iad mar cèicean
èisg, paidhean èisg no corragan èisg.
Ma bhios barrachd mac-meanmna ann b’ urrainn do chudaig a bhith nas
cudromaiche. Tha tòrr de na cudaig a
tha air a reic mar cudaig smochaidte.
Seann-fhacal: 'Bu mhath an
cudaig far nach faight' an saoidhean'
CUDAIG
MUSTARD AIR A BRUICH

Airson
da duine deug
Na
rudan a tha feum air: 12 sgoran de cudaig
Mustard
Cupa de whole grain mustard
½ cupa ola chroinn-ola
½ cupa de pairseil air a ghearradh suas
4 clobh de creamh
250g
de criomagan-àrain
Peabar
dubh
1.5
cileagram de sailead pònair uaine
An dòigh coicearachd:
1. Cur a h-uile rud sam bhobhla agus measg iad ri chèile
gus a bheil iad tlàth airson am measgachadh mustard s dhèanamh.
2. Dean còmhdaich air gach sgor leis am measgachadh mustard.
3. Cur na criomagan-àrain agus am peabar còmhla agus cur còmhdaich de sin thairis air an iasg cuideachd.
4. Cur iad air treidhe bèicearachd agus fàg e a’ dol fuar airson dà uair.
5. Cur ann an àmhainn aig 425F airson 15-20 mionaidean.
6. Nuair a tha thu ga frithealadh cur e air an sailead pònair uaine.