EASGANN

Anguilla anguilla - Ål - Anguille - Aal

 

 

 

 

Tha barrachd air ceithir ceud seòrsa dhen easgann ann a tha coltach ri nathair a tha ann fichead teaghlaichean eadar-dhealaichte.  Chan eil sgrathain air an t-iasg ach còmhdachadh de spleangaid sleamhainn.  Chan eil iasg cumanta airson ithe a th’ ann an easgann.  Bidh iad a’ briodadh ann an Cuan Sargasso agus a’ fuireach ann an fhìor-uisge, beul-aibhnichean agus uisge eu-domhain air feadh an t-saoghal.

 

‘S e iasg feòil-itheach a th’ ann ag ithe cha mhòr nach a h-uile rud beò neo marbh.  Tha as cuid as moth dhen easgainn nas lugha na meatair B’ urrainn na feadhainn boireann a’ fàs gu 150 ciadameatairean ach dìreach 50 ciadameatair airson na feadhainn fìrinn.

 

Bidh iad a’ toiseach am beatha ann am Florida ach bidh an sìol a thoirt air falbh thairis an Cuan Siar airson tri bliadhnaichean far am bidh na easgainn beag, ‘elvers’, a’ dol dhan fhìor-uisge.  Bidh iad 7 ciadameatairean aig an àm seo agus ma gheibh thu fear bidh tòrr luach ann.  Bidh iad ag atharrachadh gu easgainn buidhe.  Tha aig an àm seo a tha as cuid as motha dhen easgainn air a ghlacadh ach ma faigh iad cothrom airson a’ fàs bhiodh e deich bliadhna mus am biodh iad aig aois inbheach agus a-nis nan easgainn airgead.  Bidh coltas dubh air aig a-nis le airgead air ar brù.  Bidh na feadhainn a tha glacadh aig an àm seo a’ dol airson toiteachadh agus tha tòrr saill ann. 

 

Ma tha iad air a ghlacadh agus chan eil sin uabhasach tric bidh sin a dhèanamh a’ cleachdadh poitean.  Tha iad math airson beòthag A fhaighinn. 

 

Seann-fhacal: 'Là Fhèill Eòin, their iad aighean ris na gamhna'

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

DÒIGH COCAIREACHD

EASGANN AIR A FHRIGHIG LE SABHS PÒNAIR DUBH

 

 

Airson dithis

 

Na rudan a tha feum air:       225-275 gramaichean de easgann gun craiceann
1½ spàin tì de min-arbhair
1½ spàin bùird pònair dubh

½ spàin tì de siùcar caster
2 spàin bùird de ola sesame

2 clobh de creamh ann pìosan beaga

2.5 ciadameatairean de geinsear freumh ùr rùisgte 

1 chilli dearg ann pìosan beaga

3 spàin bùird de fìon Sìneadh no seiridh tioram

1 spàin tì de sabhs soy dorcha

4 uinnean spring a gearradh ann an sliseagan tana

                                                Salann

 

An dòigh coicearachd:

 

1.      Geàrr an easgann ann an pìosan 2.5 ciadameatairean air fhaide agus chur ann an salann agus min-arbhair.

2.      Cur na pònair dubh, siùcar agus 2 spàin bùird de uisge fuar ann am bobhla agus dean gu sglaidhp garbh.

3.      Teas pana air teas àrd gus a bheil e a’ smocadh.  Cur ann an ola sesame agus freumh, a-nis an geinsear, chilli dearg agus sglaidhp de pònair dubh.  Gluais na rudan seo ri chèile agus cur an easgann ann agus dean sin a-rithist. 

4.      Cur an Fion Sìneadh no seiridh, sabhs soy agus 3-4 spàin bùird de uisge ann agus cum a’ coicearachd air da mionaid gus a bheil an easgann deiseil.

5.      Cur ann na h-uinnean spring agus coicear airson mionaid eile.  Fritheil e cho luath sa ghabhas le rìs.